Ath-chuinge BP nan Eilean Siar 'son Oifis-Phuist Steòrnabhaigh a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh
Thòisich BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, ath-chuinge airson Oifis-phuist Steòrnabhaigh a chumail fosgailte.
Tha an oifis air Sràid Fhrangain air tè de 115 Oifis a' Chrùin a tha Oifis a' Phuist airson dùnadh an dèidh ath-sgrùdaidh air seirbheisean.
'S iad seo na h-Oifisean-Puist Crùin a tha fhathast le Oifis a' Phuist fhèin.
A' cur air bhonn an ath-chuinge aige, thuirt Mgr Crichton: "Bidh daoine a' cur an aghaidh seo gu h-ionadail agus gu nàiseanta.
"Nì mi nas urrainn dhomh mìneachadh do mhinistearan riaghaltais cho cudromach 's a tha e gun lean an t-seirbheis ann an Steòrnabhagh.
"Bheirinn air eileanaich an guth a thogail, an ainm a chur ris an ath-chuinge agus a dhol an sàs san iomairt airson inbhe Oifis-phuist Crùin a ghlèidheadh ann an Steòrnabhagh."
'Feumar coimhead air gach roghainn - ach dùnadh'
Sna Cumantan an t-seachdain seo chaidh, dh'iarr Mgr Crichton air Ministear Oifis a' Phuist, Gareth Thomas BP, gun oifis Steòrnabhaigh a dhùnadh.
"Feumaidh mi draghan a thogail gu bheil oifis-phuist Steòrnabhaigh air tè de na 115 oifisean a tha an cunnart dùnadh.
"'S e buille uabhasach a bhiodh ann nan cailleadh am baile a' phrìomh oifis-phuist, mar sin tha mi a' toirt air a' mhinistear agus Oifis a' Phuist dèanamh cinnteach gu bheil làn sheirbheis oifis-puist Crùin aghaidh ri aghaidh ri fhaotainn do dh'eileanaich.
"Feumar coimhead air gach roghainn - ach dùnadh."
Tha Oifis a' Phuist ag ràdh gu bheil iad airson agus gun tèid na h-Oifisean Crùin a bhios iad fhèin a' ruith a ghabhail thairis le luchd-gnothachais prìobhaideach.
Air an liosta sin tha na prìomh oifisean ann an Inbhir Nis, Kirkwall agus Steòrnabhagh.
Tha a' chuid as motha de dh'oifisean-puist san Rìoghachd Aonaichte air an ruith mar ghnothachasan prìobhaideach cleas an dà fo-oifis-phuist ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Mgr Crichton ge-tà gur e call mòr dhan bhaile agus dhan eilean a bhiodh ann nan dùineadh a' phrìomh oifis-phuist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain