Boireannach a bhàsaich an tubaist air an A9 air a h-ainmeachadh

Emma FosterTùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Bhàsaich Emma Foster aig làrach na tubaiste faisg air Inbhir Ghòrdain

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na poilis gur e Emma Foster ainm a' bhoireannaich a bhàsaich an dèidh tubaiste air an A9 faisg air Inbhir Ghòrdain Diciadain.

Thachair an tubaist anns nach robh ach càr Kia Sportage geal an sàs mu 2:00m sa mhadainn aig Tulaich Iochdrach.

Bhàsaich Ms Foster, 29, aig làrach na tubaiste. Cha deach duine eile a' ghoirteachadh.

Tha fios aig a teaghlach agus tha iad a' faighinn taice bho oifigearan le trèanadh sònraichte.

Thuirt an Sàirdseant Kate Fhionnlasdan: "Tha ar smuaintean le càirdean agus caraidean Emma aig an àm fìor dhuilich seo.

"Dh'iarramaid air duine sam bith a chunnaic an tubaist no aig a bheil dealbhan dascham thighinn a bhruidhinn rinn."

Faodaidh duine sam bith le fiosrachacdh fònadh chun nam Poileas air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 278 den 30mh là den Iuchar 2025.