Prìomh Mhinistear air cur an aghaidh lioncs ath-stèidheachadh an Alba
![Lioncs](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/1680/cpsprodpb/48a6/live/a513c100-e559-11ef-bf6c-b92b6a2eae02.jpg)
- Air fhoillseachadh
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba nach tèid lioncs a thilleadh a dh'Alba.
Bha Iain Swinney a' bruidhinn is draghan ann às dèidh mar a chaidh ceithir de na beathaichean a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail ann am Bàideanach air a' mhìos seo chaidh.
Chaidh na cait a ghlacadh ann an sgìre Cheann a' Ghiùthsaich ach chaochail fear dhiubh is sgrùdadh air sealltainn gun robh iad uile a' fulang dìth a' bhìdh.
Chan eil fios fhathast ciamar dìreach a fhuair iad mu sgaoil.
Tha luchd-iomairt air a bhith ag obair air planaichean gus lioncs ath-stèidheachadh ann an Alba is iad ag ràdh gun cuireadh seo ri bith-iomadachd, ged a tha tuathanaich am measg na th' air iomagain a nochdadh le dragh mun bhuaidh air stoc.
A' bruidhinn aig co-labhairt NFU na h-Alba Dihaoine, thuirt Mgr Swinney nach bi an riaghaltas aige a' tilleadh lioncs no sealgairean eile coltach riutha a dh'Alba.
Thuirt e gu bheil an Riaghaltas gu math mothachail mu na draghan a tha air tuathanaich, is gun robh mar a chaidh na cait a leigeil mu sgaoil ann am Bàideanach mì-chùramach agus cunnartach dha na beathaichean fhèin.
Thuirt Mgr Swinney cuideachd gun robh buil gun dùil aig poileasaidhean a bh' ann roimhe gus a leithid iolairean mara a thilleadh.
"Feumaidh sinn cothromachadh a dhèanamh sa choimhearsnachd dhùthchail a thaobh mar a tha sinn a' làimhseachadh atharrachadh na gnàth-shìde, mar a dh'fheumas sinn dèanamh cinnteach gu bheil biadh gu leòr againn, is mar a tha airgead ga chosg.
"Chan fhaic mise gu bheil lioncs a thilleadh ag obair mar phàirt den chothromachadh a tha sin," thuirt e.
Bha ceannard na buidhne Trees for Life, Steve Micklewright, am measg na thuirt agur e droch naidheachd a bha seo.
Thuirt esan gum feum Alba lioncs a thoirt air ais mar dhòigh air dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.