Am balach à Inbhir Losaidh a chaidh na Phrìomhaire Làbarach

Ramsay DòmhnallachTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Air an 2mh dhen Dàmhair 1937, chuala luchd-èisteachd rèidio ann an Alba guth air an robh iad gu math eòlach.

Bha e ag innse dhaibh mun chruadal a bh’ aig muinntir Inbhir Losaidh, gu sònraichte iasgairean a’ bhaile sin, sna h-amannan eaconamaigeach dùbhlanach ud.

"Lossiemouth has always been conscious of the world beyond its hills and seas", thuirt e.

"For a very long time our sands and our air have brought many visitors here. Our visitors have seen us at the harbour, working in our boats, our womenfolks in particular bending under creels of fish."

’S e Ramsay Dòmhnallach, a bha gu bho chionn dà bhliadhna ron a sin na Phrìomhaire air an Rìoghachd Aonaichte, a bha a’ bruidhinn.

Bhàsaicheadh Ramsay dìreach seachdainean às dèidh a' chraolaidh seo is e air turas gu Aimeireaga a Deas.

Mar sin, tha a h-uile coltas ann gur e seo an turas mu dheireadh a bhiodh mòran air a ghuth a chluinntinn.

Bha e iomchaidh gun robh e a’ bruidhinn mu bhaile àraich.

Bho Inbhir Losaidh gu Lunainn

Tha 100 bliadhna ann bho chaidh Ramsay Dòmhnallach na Phrìomhaire air a' chiad riaghaltas Làbarach.

Ged a b’ ann an Lunnainn agus air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta a dhèanadh e ainm dha fhèin, bha Inbhir Losaidh daonnan dlùth ris. Chan urrainnear sgeulachd Ramsay agus a bheatha mar neach-poileataigs a thuigsinn gun tòiseachadh an sin.

Rugadh e ann an taigh air ceàrn Ghregory sa bhaile air an 12mh dhen Dàmhair 1866, mac dìolain aig Anna Ramsay agus Iain Dòmhnallach, a bha le chèile ag obair aig tuathanas faisg air làimhe.

Fo-thiotal an deilbh,

B' ann san taigh seo a rugadh Ramsay ann an 1866.

Bha dùil aig a phàrantan pòsadh ach cha do thachair e, sgeulachd ann gun do chuir màthair Anna stad air an rèiteach agus i dhan bheachd nach robh Iain iomchaidh dha a nighean.

A dh'aindeoin sin, chum e sloinneadh athair, a bhuineadh a rèir coltais don Eilean Dubh, agus b’ e Seumas Ramsay Dòmhnallach a thugadh air.

Ged a dheadh eachdraidh an teaghlaich a chleachdadh na aghaidh le nàimhdean poileataigeach, shoirbhich leis a dh'aindeoin, no chanadh cuid ri linn, an togail suas aige ann am bochdainn an Inbhir Losaidh.

“Bha e daonnan mothachail gun robh e mar gum biodh bhon taobh a-muigh”, thuirt an t-Oll Kevin Morgan, a sgrìobh eachdraidh-beatha Ramsay Dhòmhnallaich.

"Bha e mothachail gun robh e air a shlighe fhèin a dhèanamh, dìreach mar a bha am Pàrtaidh Làbarach a' dèanamh a shlighe fhèin ann am poileataigs Bhreatainn."

The Hillocks

As dèidh na sgoile ghluais e gu Bristol ann an 1885 agus an uairsin gu Lunnainn, a' dol an sàs am poileataigs na làimhe clì agus Pàrtaidh Neo-eisimeileach nan Làbarach.

Chan e a-mhàin nach do dhiochuimnich e mu bhaile-àraich - bha e fhathast gu ìre mhòir freumhaichte san àite.

Chaidh e na bhall-pàrlamaid Làbarach airson Leicester ann an 1906 agus na chathraiche (mar sin, na cheannard) air na Làbaraich ann an 1911.

Ach eadar na dhà, ann an 1909, thog e taigh dha theaghlach ann an Inbhir Losaidh.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha taigh Ramsay Dhòmhnallaich air Rathad Mhoireibh ann an Seatown an Inbhir Losaidh.

Tha ogha Ramsay Dhòmhnallaich, nighean a nighean Joan, a' fuireach san taigh sin an-diugh.

Ghluais Iona Kielhorn gu 'The Hillocks', faisg air an tràigh ann an Inbhir Losaidh, ann an 2006.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iona Kielhorn air an taigh a chumail gu ìre mhòir mar a bha e ann an linn Ramsay Dhòmhnallaich.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taigh air a bhith aig an teaghlach bho chaidh a thogail ann an 1909.

"Bha e cho fìor chudromach dha", thuirt i.

"Bha e mar acair 's mar bhun-stèidh dha na bheatha.

"Bha tòrr charaidean aige an seo. Bha nàimhdean aige cuideachd, a bha gu tur na aghaidh. Ach bha caraidean aige.

"Bhiodh e a' gabhail cuairt sìos Rathad Mhoireibh, a-steach gu Seatown, far an suidheadh e le na h-iasgairean agus na teaghlaichean aca.

"'S e saoghal fada bho Lunainn a bh' ann, dòigh dha fhèin faighinn air falbh bho sin."

Cogadh is cliù

Aig an àm a thog e an taigh bha Ramsay gu follaiseach a' dèanamh adhartais ann an saoghal poileataigs, ach thigeadh maill air sin leis a' Chogadh Mhòr.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Ged a bha e an aghaidh a' chogaidh, thadhail e air saighdearan aig aghaidh a' bhlàir san Fhraing.

Coltach ri mòran sa phàrtaidh Làbarach, bha e an aghaidh a' chogaidh agus dh'fhuiling e airson an t-seasaimh a ghabh e.

"Chaidh càineadh mòr a dhèanamh air", thuirt an t-Oll Kevin Morgan.

"'B' ann aig an àm seo a chaidh fhoillseachadh gur e mac dìolain a bh' ann, ann an iris suarach air an robh John Bull.

"Chaidh cuideachd a chur a-mach à cluba goilf Mhoireibh, rud a bhiodh 's dòcha air bualadh air gu pearsanta.

"Agus aig deireadh a' chogaidh chaill e san taghadh a thàinig dìreach às a dhèidh ann an 1918."

Cumhachd is dleastanas

Ach às dèidh a' chogaidh, fhuair e spèis 'son an t-seasaimh aige, is chaidh a thaghadh a-rithist mar bhall-pàrlamaid.

Agus às dèidh dha na Tòraidhean bhòt earbsa a chall san Dùbhlachd 1923, chaidh e dhan dreuchd phoileataigeach às àirde san Rìoghachd – a' chiad phrìomhaire Làbarach agus a' chiad fhear bho theaghlach clas-obrach.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' chiad chaibineat Làbarach ann an 1924

Ged nach do sheas an riaghaltas beag-chuid ach ma naoi mìosan, 's e ceum bunaiteach a bh' ann dhan phàrtaidh.

"Dhearbh iad gun gabhadh a dhèanamh", thuirt Torcuil Crichton bhon Phàrtaidh Làbarach, "gun gabhadh riaghaltas Làbarach a bhith reusanta, stuamach, agus os cionn ghnothaichean."

Chaidh e na phrìomhaire le beag-chuid a-rithist ann an 1929, aig àm an t-Seacaidh Mhòir.

Agus ann an 1931 ghabh e ceum a bha e fhèin a' meas deatamach ach a chuir fearg air mòran Làbarach - a' dol ann an riaghaltas nàiseanta leis na Tòraidhean 's na Libearalaich.

Ri linn seo, chan eil cliù ro àrd air a bhith aig Ramsay sa phàrtaidh aige fhèin.

Ach tha cuid a' dèanamh measaidh às ùr air an dìleab aige an-diugh.

"Tha daoine a' coimhead ri Ramsay Dòmhnallach a-rithist a-nis", thuirt Torcuil Crichton, "tro shùilean eachdraidheil agus tro shùilean ar beatha fhèin agus an crìonadh mòr a chaidh sinn fhèin troimhe bho chionn deich bliadhnaichean air ais".

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Ramsay leis a chuid chloinne, Malcolm, Joan, agus Ishbel, san taigh aige an Inbhir Losaidh an 1931.

Às dèidh a bhàis ann an 1937, chaidh seirbheis tiodhlacaidh Ramsay Dhòmhnallaich a chumail aig Westminster.

Ach thill a luaithre gu Inhir Losaidh, a' dol air ais dhan àite a bha na chomharra-stiùiridh dha fad a bheatha.

Am beachd Iona Kielhorn, ge-tà, chan eil gu leòr ga dhèanamh an sin no aig ìre nàiseanta gus cuimhne a chumail air a seanair.

"Chan eil fhios agam an do ghabh daoine a-riamh ris", thuirt i.

"'S e aonaran a bh' ann, ach chum e ris na prionsabalan aige.

"Tha spèis mhòr agamsa dha."