Molaidhean cìs-thurasachd a thoirt a-steach an Earra-Ghàidheal

Raon campachaidh Chille ChòmhainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Nì comhairlichean Earra-Ghàidheil is Bhòid deasbad mu mholadh cìs-thurasachd a thoirt a-steach an t-seachdain seo

  • Air fhoillseachadh

Beachdachaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air molaidhean cìs a chur air luchd-turais a thig chun na sgìre.

Bidh coinneamh shònraichte aca Diaordain 15mh den Lùnastal a dheasbad am bu chòir dhaibh cìs-thurasachd a stèidheachadh.

Tha reachdas a bheireadh cumhachd do dh'ùghdarrasan ionadail leithid de chìs a thoirt a-steach a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba agus tha dùil gun tèid e na lagh san t-Sultain.

Tha taighean-òsta, taighean leabaidh is breacaist, ostailean, taighean-aoigheachd, àiteachan fèin-fhrithealaidh agus pàircean charabhan is campachaidh uile air a' chlàr de dh'àiteachan-fuirich far am faodadh cìs a chur an sàs.

Bidh e an urra ri na comhairlean ìre na cìse a stèidheachadh, le luchd-taic ag ràdh gum faod an t-airgead a thogas i a chleachdadh airson piseach a thoirt air bun-structar turasachd.

Ach tha dragh air cuid gun cuireadh i bacadh air luchd-tadhail.

Fiù 's ma dh'aontaicheas comhairlichean Earra-Ghàidheal gum bu chòir a dhol air adhart le cìs-thurasachd, bidh co-dhiù dà bhliadhna ann mus tòisich i a' cosnadh airgid dhan ùghdarras ionadail.

An t-ÒbanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh aig aoighean thaighean-òsta agus àiteachan-fuirich eile ri cìs a phàigheadh