Foghlam Gàidhlig air fàire sna Crìochan?

- Air fhoillseachadh
Bidh seisean fiosrachaidh aig Comnn nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig anns na Crìochan a thomhas a bheil iarrtas san sgìre air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
An-dràsta 's e an roghainn as fhaisge clann a chur gu Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann airson cothrom fhaighinn air foghlam Gàidhlig - ach chan eil duine a' dèanamh sin leis gu bheil e ro fhada air falbh.
Tha buidheann pàrant is pàiste air a bhith stèidhichte anns na Pùballan airson dà bhliadhna a-niste, agus tha iad airson aire a tharraing dhan chothrom a th' ann FtMG fhaighinn san sgìre.
"Tha fios againn gu bheil ceistean aig pàrantan a tha ùr do dh'fhoghlam Ghàidhlig - mar a tha foghlam Gàidhlig ag obair agus ciamar as urrainn do phàrantan aig nach eil Gàidhlig a' chlann aca a chuideachadh leis an obair-dachaigh aca," thuirt Kirsteen Mhoireach bho Chomannn nam Pàrant.
"Bheir an seisean fiosrachaidh seo cothrom airson teaghlaichean tighinn agus dìreach fiosrachadh fhaighinn."
Iarrtas Foirmeil
Tha a' bhuidheann air a bhith gu math trang, a rèir Kirsteen.
"Leis nach eil Gàidhlig anns an sgìre chan eil fhios aig pàrantan gum faod iad foghlam Gàidhlig iarraidh,"thuirt i.
"Ach tha tòrr a' tighinn dhan bhuidhinn againne, agus an uair sin tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn foghlaim Ghàidhlig agus tha iad a' cantail 'actually bhiodh seo math dhan teaghlach againne'."
Tha a' bhuidheann an dòchas ceum nas fhaide a ghabhail an dèidh seo ma 's urrainn, agus FtMG a stèidheachadh san sgìre.
"Tha sinn an dòchas iarrtas foirmeil a chur dhan Chomhairle airson foghlam Gàidhlig a thòiseachadh ann an 2026," thuirt kirsteen.
Thèid an seisean fiosrachaidh a chumail 10:00m-12:00f madainn Disathairne an 14mh den Ògmhios seo ann a talla nan Scout anns na Pùballan, le cothrom tighinn is falbh.
Bidh oifigearan an làthair bho gach cuid Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig airson ceistean a fhreagairt.