Teine faisg air Baile nan Granndach a’ fàgail grunn rathaidean gan dùnadh

Teintean a' losgadhTùs an deilbh, PETER JOLLY
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh aithris gun robh teintean tuath air Baile nan Granndach oidhche Shathairne

  • Air fhoillseachadh

Tha seirbheisean-smàlaidh an làthair airson an dàrna latha aig teintean mòra a tha air grunn rathaidean a dhùnadh, tuath air Baile nan Granndach, air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh fios a chuir air nan seirbheisean-èiginn chun teine ri taobh rathad an A939 aig an Damh-àth aig 17:50 Disathairne.

Dh'fhuirich an rathad sin dùinte a-steach gu Là na Sàbaid, an cuide ri rathad an A940 aig an Damh-àth agus an B9007 eadar Daothal agus Feàrnais.

Dh'iarr na poilis air daoine an sgìre a sheachnadh, agus dh'iarr iad air daoine a tha a' fuireach faisg air làimh an cuid uinneagan agus dorsan a chumail dùinte.

Thuirt neach-labhairt do Sheirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba: "Tha ceithir einnseanan-smàlaidh anns an sgìre, far a bheil luchd-smàlaidh an-dràsta ag obair gus smachd fhaighinn air an teine.

"Tha criuthaichean againn fhathast an làthair."

Tha Comhairle Moireibh air fios a leigeil gun deach talla Edinkillie fhosgladh mar ionad-taic dhaibhsan air a bheil na teintean a’ toirt buaidh.

Gheibhear deochan teth agus ceapairean ann agus bidh daoine an làthair gus taic a thoirt seachad don choimhearsnachd.