Coinneamh mu thagradh planaidh chonnspaideach an Loch Abar

Loch Garadh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sealladh Loch Garadh ainmeil air sgàth cho coltach 's a tha e ri cumadh na h-Alba

  • Air fhoillseachadh

Thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Loch Abar an t-seachdain seo tighinn mu phlana chonnspaideach 'son ionad-tadhail a thogail ri taobh Loch Garadh.

Tha tagradh mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd agus dùil ionad, cafaidh, bùth agus pàirce chàraichean a thogail aig an làraich ann an Gleann Garadh, ach tha cuid sa choimhearsnachd air dragh a thogail mu dheidhinn.

Chaidh na planaichean a chur air adhart le Black Sheep Management Services aig a bheil grunn thaighean-òsta san sgìre, cuide ri taighean-bìdh agus àiteachan a bhios gan leigeil a-mach air màl ghoirid.

Tha cuid de mhuinntir na sgìre air dragh a thogail nach deach a dhèanamh soilleir dhaibh ro làimh gun deadh an t-ionad agus na tha na chois a thogail aig an àite-seallaidh.

Thuirt neach-labhairt bho Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Ghleann Garadh gun robh e neònach nach deach na planaichean airson na làraich a dhèanamh soilleir dhaibh ro làimh, seach gum biodh seo cho mòr, agus gun robh an t-Urras a leasachadh Plana-ghnìomh Coimhearsnachd fad na bliadhna.

Bha e neònach cuideachd, thuirt iad, leis gun robh grunn choinneamhan co-chonaltraidh aca, agus gun robh riochdairean bho Black Sheep air a bhith aig na coinneamhan sin.

Thèid a' choinneamh phoblach a chumail aig Talla Choimhearsnachd Gleann Garadh ann an Inbhir Garadh oidhche Luain.

Chaidh beachd iarraidh air Black Sheep.