Moladh nach bi pàrtaidh na Callainn an-asgaidh tuilleadh

Cleasan-teineTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gum bi aig daoine ri ticeadan a cheannach airson a' phàrtaidh Challainn aca am-bliadhna.

Bha an Red Hot Highland Fling riamh an-asgaidh gu seo.

Bidh an t-ùghdarras ionadail a' cleachdadh airgid bho Mhaoin Maith Choitchinn Inbhir Nis gus pàigheadh airson sreath de thachartasan an-asgaidh sa bhaile.

Chaidh am buidseat sin a ghearradh 40% sa Ghearran ge-tà, is tha a' Chomhairle ag ràdh cuideachd gu bheil e a' fàs nas cosgaile tachartasan a chur air dòigh.

Mar sin, tha oifigich a-nise a' moladh gun cosg ticeadan airson an Red Hot Highland Fling £10.

Bidh an tachartas mar as trice a' tàladh mu 5,000 duine.

Thuirt oifigich nach tèid airgead iarraidh bho dhaoine airson rudan eile mar chleasan-teine a' bhaile is tachartas nan solas Nollaige.

Thèid iarraidh air Comataidh Inbhir Nis taic a thoirt dhan phlana an ath-sheachdain.