Tobogan air fàire air cliathaich a' Chàirn Ghuirm?

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid an t-slighe tobogain as fhaide ann am Breatainn a thogail air a' Chàrn Ghorm, mar dhòigh air a' ghnìomhachas a th' aig HIE air a' bheinn a dhèanamh nas prothaidiche.
Aig a' cheart àm, tha a' chompanaidh, Cairngorm Mountain Eta, a' coimhead ri cead fhaighinn daoine a leigeil a-mach às an ionad aig mullach na rèile funicular ach an coisich iad gu mullach na beinne.
Thug a' chompanaidh fianais do Chomataidh nan Cunntasan Poblach aig Holyrood madainn Diciadain.
Bhiodh an t-slighe tobogain, a tha aig ìre dealbhachaidh an-dràsta, air a dhèanamh de dh'aluminium 1.2 cilemeatar de dh'fhaid, 's e air chur suas deireadh an t-seusain sgithidh, 's a thoirt air falbh ann an àm airson an ath sheusain.
Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt dhan rèile-beinne anns na 1990an, cho fad 's nach biodh cothrom aig daoine a chleachdadh airson a' bheinn a dhìreadh, air eagal 's gum biodh tuilleadh 's a' chòrr dhaoine a' cur cuideim air an àrainneachd aig a' mhullach.
Ach tha a' chompanaidh an dòchas cead fhaighinn inneal tracaidh a thoirt do dhaoine ach an coisich iad gu mullach na beinne air ceuman comharraichte 's air ais, gun a bhith a' coiseachd nas fhaide.
Ath-fhosgladh
Tha an rèile-beinne air fosgladh às ùr na bu thràithe am-bliadhna an dèidh obair-càraidh, 's e air a bhith fosgailte ùine ghoirid an dèidh a bhith dùinte bho 2018 ri linn dragh mu shàbhailteachd 's feum air a chàradh.
Thuirt Àrd-Oifigear na companiadh, Mike Gifford, gun do thadhail 100,000 duine air a' ghoireas am-bliadhna, ach aig an ìre seo gu bheil iad air cosgaisean a phàigheadh.
"Tha sinn an-dràsta air na cosgaisean againn a chothromachadh," thuirt e.
"Air a' bhliadhna-ionmhais seo thug sinn a-steach £1.8m, a tha a' pàigheadh chosgaisean ruith Cairngorm Mountain.
"Thadhail còrr air 70,000 duine tron rèile-beinne fhèin, agus 30,000 a bharrachd tro spòrs gheamhraidh.
"A' dol air adhart, tha sinn gu mòr airson sin àrdachadh, 's chuidicheadh an t-slighe tobogain gu mòr."
Tha a' chompanaidh cuideachd a' coimhead ri slighean baidhseagail-beinne fhosgladh bhon mhullach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh1 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach 2019