Barrachd chosgais fhathast 'son rèile-beinne a chàradh

Rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm agus sgitheadairTùs an deilbh, HIE
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còir aig an rèile-beinne fosgladh a-rithist an uiridh

  • Air fhoillseachadh

Dh'aidich Iomairt na Gaidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gum bi tuilleadh airgid a dhìth airson rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm a chàradh.

Bha còir aice fosgladh a-rithist an-uiridh, ach chaidh tuilleadh thrioblaidean a lorg le luchd-sgrùdaidh.

Tha HIE, leis a bheil an goireas, a-nis an dòchas gun tèid crìoch a chur air an obair ro dheireadh a' Gheamhraidh.

Tha turasachd air leth cudromach do dh'eaconomaidh sgìre a' Mhonaidh Ruaidh, agus tha an rèile-beinne air a bhith na pàirt mhòir dheth sin sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Aig 1.8km de dh'fhaid, bidh an rèile a' toirt daoine gu faisg air mullach na beinne far a bheil ionad-tadhail às am faicear na seallaidhean eireachdail mun cuairt.

Chaidh a fosgladh ann an 2001 air cosgais de £19.5m - aig an àm am pròiseact a bu daoire a rinn HIE riamh.

Dhùin an rèile-beinne anna n 2018 's obair-càraidh a dhìth air structar na rèile fhèin.

Dh'fhosgail e às ùr anns an Fhaoilleach 2023, an dèidh £25m a bhith air a chosg air - £16m dheth sin air tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Cha robh e fosgailte fada ge-tà, mus do nochd trioblaidean teicnigeach a bharrachd, 's e a-niste air a bhith dùinte bhon Lùnastal 2023 - bliadhna anns an do thadhail 1.5m duine air a' Chàrn Ghorm.

Thuirt HIE gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil daoine feargach.

"Tha sinn fhèin le briseadh-dùil cuideachd," thuirt stiùiriche phròiseactan HIE, Dàibhidh Oxley.

"Tha sinn airson 's gum bi an rèile-beinne air ais ag obair cho luath 's a ghabhas.

"Tha seusan spòrs a' Gheamhraidh air tòiseachadh. Bha deagh sgitheadh ann an t-seachdain a chaidh.

"Tha an sneachda air falbh a-niste thairis air na làithean mu dheireadh.

"'S e am plana againn an rèile fhaighinn air ais gus am bi e ag obair tro sheusan a' Gheamhraidh."

Tuilleadh obrach

Bha còir aige a bhith fosgailte ro thoiseach a' Gheamhraidh seo ge-tà.

Chaidh obair a dhèanamh ron Nollaig airson an rèile a neartachadh, ach às dèidh sgrùdaidhean sàbhailteachd thàinig e am follais gun robh feum air tuilleadh obrach.

Ri linn sin, dh'aidich HIE gun robh aca ri barrachd airgid a chosg air a' phròiseact.

"Tha cosgaisean a bharrachd air tighinn am follais," thuirt Mgr Oxley.

"Chan eil figear deireannach againn airson sin fhathast, ach tha sinn an-dràsta ann an còmhraidhean leis a' chùmhnantaiche mu cò a tha an urra ris na cosgaisean sin.

"Tha e ro thràth an-dràsta innse dè na cosgaisean a bhios ann 's cò dh'fheumas am pàigheadh.

"'S e an rèile-beinne fear de na prìomh rudan a tha a' tàladh dhaoine gu sgìre na h-Aghaidh Mòire 's a' Mhonaidh Ruaidh.

"Thig daoine ann à Alba, an còrr den RA agus nas fhaide air falbh.

"Tha e uabhasach cudromach do dh'eaconamaidh turasachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean, 's mar sin bidh sinn air ar dòigh nuair a dh'fhosglas e a-rithist 's cha bhi sin ro fhada tuilleadh," thuirt e.

Thuirt am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Eideard Mountain, gum faodadh an obair-càraidh na milleanan notaichean a chosg do luchd-pàighidh nan cìsean, agus nach eil soillearachd gu leòr air a bhith ann bhon bhuidhinn leasachaidh.