Ceannardan Navantia a' tadhal air Gàrradh Àranais

Gàrradh Àranais
  • Air fhoillseachadh

Bidh ceannardan na companaidh Navantia a' tadhal air Gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas Diardaoin, airson a' chiad uair bho ghabh iad thairis e bho Harland & Wolff a bha ga ruith.

Bha iad Diciadain aig gàrradh Methill ann am Fìobha, còmhla ris a' Phrìomh Mhinistear, agus iad air chuairt chun nan goireasan a tha as ùr fon smachd.

Chaidh Harland & Wolff ann an rianachd an-uiridh.

Chaidh dearbhadh an t-seachdain seo chaidh gun deach aonta Navantia sealbh a ghabhail air na gàrraidhean aca, troimhe.

Buinidh a' chompanaidh do Riaghaltas na Spàinne is iad an-dràsta a' cumail cosnaidh ri còrr is 4,000 neach - le prìomh làrach na companaidh ann an Cadiz.

Tha Navantia air gealltainn obair-leasachaidh a dhèanamh aig na gàrraidhean Albannach.

An-dràsta fhèin tha còrr is 150 neach ag obair aig Àranais agus 200 aig Methill.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd san Dùbhlachd - gun robh Navantia a' gabhail thairis Àranais, ach tha iad 'son an coinneachadh gus bruidhinn mu na planaichean aca 'son nam bliadhnaichean ri thighinn.