"Èiginn taigheadais" air a' Ghàidhealtachd fon phrosbaig

TaigheanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh àrd-choinneamh mu thaigheadas air a' Ghàidhealtachd gum bi 24,000 taighean ùra a dhìth sa sgìre san ath dheich bliadhna ach gum feumar £2.8b a bharrachd airson an togail.

Bidh còrr air 100 riochdaire bhon dà chuid an roinn phoblach agus phrìobhaideach aig a' choinneimh san Aghaidh Mhòir Dimàirt a chuir Comhairle na Gàidhealtachd air dòigh.

Bidh an tachartas ag amas air fuasglaidhean airson dèiligeadh ris a' ghainnead de dhachaighean aig prìs reusanta air a' Ghàidhealtachd an dèidh dhan ùghdarras ionadail dearbhadh ann an 2023 gun robh Èiginn Taigheadais ann.

Bheir Ministear an Taigheadais, Pòl MacIllinnein, seachad a' phrìomh òraid anns an can e "gu bheil taigheadas math riatanach airson daoine a thàladh agus a ghlèidheadh nar coimhearsnachdan".

Caolas Chromba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gum bi mòran a bharrachd thaighean a dhìth nuair a thèid Saor-Phort Inbhir Nis agus Caolas Chromba a chruthachadh

A rèir na tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tomhas bidh 24,000 taighean ùra a dhìth sa sgìre thairis air na deich bliadhna ri teachd leis na dh'fhaodadh a bhith ann de dh'obraichean ùra an cois leasachadh Saor-Phort Uaine Inbhir Nis agus Caolas Chromba am measg eile.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Reamonn Bremner: "Tha a h-uile coltas gun tèid aig Comhairle na Gàidhealtachd agus na buidhnean a tha ag obair còmhla rinn ri 24,000 taighean a thogail ach thairis air 20 bliadhna.

"Airson cabhag a chur air a' phròiseact feumaidh sinn maoineachadh a bharrachd luach mu £2.8b.

"Bidh airgead poblach agus prìobhaideach a dhìth airson an t-amas a choileanadh cho math ri barrachd talmhainn airson taigheadais," thuirt An Comh. Bremner.

Bidh an àrd-choinneamh a' coimhead air ro-innleachd a dhealbh gus amasan an ùghdarrais ionadail a thoirt gu buil.