Teagamh mu phoileasaidh ùr CnES 'son dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta

Tha dragh air a bhith ann mu chùisean de dhol a-mach mì-shòisealta ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Cha bhiodh cus feum do choimhearsnachdan an cois na ro-innleachd ùir aig Comhairle nan Eilean airson dèiligeadh ri giùlan mì-shòisealta, a rèir na mòr-chuid a fhreagair suirbhidh.
Bha an t-ùghdarras ionadail a' sireadh bheachdan air poileasaidh ùr airson dèiligeadh ri dol a-mach buaireanta agus grunn ghearanan air a bhith ann mu mar a tha cuid de dh'òigridh gu sònraichte gan giùlan fhèin.
Thuirt 54% de na comhairlean coimhearsnachd a thug seachad beachd (11 a-mach à 27) nach robh iad den bheachd gm biodh cus buannachd an cois na poileasaidh ùir, ged a dh'aontaich 18% gum biodh.
Nochd beachd nach dèanadh e cus feum leis gu bheil tòrr den fheadhainn a bhios ri buaireadh fo aois 16.
Thuirt cuid nach robh am plana-gnìomh airson dèiligeadh ris an trioblaid soilleir.
Mhol feadhainn eile gum bu chòir do dhaoine Seirbheis sa Choimhearsnachd a dhèanamh mar pheanas airson a bhith ri dol a-mach mì-shòisealta.
Coibhneas agus co-fhulangas
Fhuair suirbhidh eile am measg dhaoine òga 46 freagairtean. Dh'innis cuid mar a dh'fhuiling iad fhèin dol a-mach mì-shòisealta sa sgoil neo sa choimhearsnachd.
Thàinig a' mhòr-chuid de na freagairtean bho dhaoine eadar 16 agus 19 bliadhna de dhaois.
Mhol na daoine òga gum bu chòir barrachd chur-seachadan a bhith ann dhaibh mar chlubaichean-òigridh.
Thuirt iad cuideachd gum bu chòir coibhneas agus co-fhulangas a bhith air a theagasg agus air a bhrosnachdh bho aois òg airson dèiligeadh ri trioblaidean.
'Coimhearsnachdan a chumail sàbhailte'
Bidh buill Bhòrd Sàbhailteachd na Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar a' deasbad nam molaidhean Diciadain.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil "gach buidheann a tha an sàs ann a bhith a' leasachadh na ro-innleachd a' tuigsinn gum feum iad obrachadh còmhla airson coimhearsnachdan a chumail sàbhailte agus gus am bi am poball a' faireachdainn sàbhailte".
Chithear dreach a' phlana-ghnìomh Comhairle nan Eilean Siar an seo, taobh a-muigh.
Thathar a' moladh gun tèid ùrachadh le bhith a' toirt fa-near dha na beachdan a fhuaireadh sa chonaltradh phoblach.
Thèid an dreach mu dheireadh den ro-innleachd agus am plana-gnìomh air beulaibh a' Bhùird san t-fhoghar.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An Giblean 2022