Keith Bray air a cheannach le Dùn Phàrlain

Keith BrayTùs an deilbh, Dunfermline Athletic
  • Air fhoillseachadh

Tha an Leòdhasach òg Keith Bray air ainm a chur ri cùmhnant le Dùn Phàrlain.

Cheannaich sgioba Fhìobha Bray, 18, bho Chaley Thistle oidhche Luain.

Dh'aontaich e cùmhnant ceithir bliadhna gu leth aig Pàirc East End ach tillidh e gu Caley Thistle air iasad gu deireadh an t-seusain.

Tha Bray air moladh mòr fhaighinn anns na mìosan mu dheireadh is e a' cluich gu cunbhalach airson ICT.