Dòtaman aig 40

Donnie Dòtaman na shuidhe le giotàir air a' ghlùin, ad annasach air a cheann agus fiamh-ghàire air aodann. Tha e ann an seòmar làn bhogsaichean agus gleòc Dòtaman air a chùlaibh. Tha coltas ann gur e 'props' bho Dhòtaman a th' air a chùlaibh. Tùs an deilbh, Hebridean Celtic Festival
Fo-thiotal an deilbh,

Donnie Dòtaman leis a' ghiotàir air a bheil sinn uile eòlach agus fear de na h-adan ainmeil aige.

  • Air fhoillseachadh

Cò nach eil eòlach air Donnie Dòtaman agus chan e a-mhàin na h-adan annasach a bh' aige ach na h-òrain ainmeil cuideachd?

Le 40 bliadhna bhon a thòisich Dòtaman, tha Donnie fhèin gu bhith a' seinn aig Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo.

Chan e sin e a-mhàin.

Bha bùth-obrach aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh Diardaoin seo chaidh agus iad a' comharrachadh an dà chuid 40 bliadhna de Dhotaman agus den Lanntair fhèin.

Bha cothrom aig an fheadhainn a chaidh ann ad a chruthachadh ann an stoidhle Donnie Dòtaman.

Balach beag aois 8 na sheasamh air beulaibh togalaich ghuirm le ad a chruthaich e fhèin ann an stoidhle Donnie Dotaman. Tha geansaidh ghorm air agus e a' dèanamh gàire. Tha coltas air gu bheil e gu math toilichte. Tha an ad a chruthaich e geal le caoraich bheaga air an cruthachadh a-mach à buill bheaga agus e air aodainn a dhealbhachadh orra. Tha carbadan a dhealbh e air an ad cuideachd.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Archie gu math dèidheil air òrain Donnie Dòtaman agus 's e Tractar an t-òran as fheàrr leis

Am measg na bha a' gabhail pàirt bha Archie a tha 8 bliadhna a dh'aois agus a' fuireach ann an Leòdhas.

Thuirt Archie: "Tha rèidio agam agus tha òrain Donnie Dòtaman air. Tha iad èibhinn agus ad eadar-dhealaichte air Donnie a h-uile turas."

Ag innse mun ad a chruthaich e fhèin, thuirt e: "Tha na caoraich a' suidhe air an fheur agus tha na carbadan a' dol timcheall orra."

Thuirt e cuideachd gur e Tractar an t-òran Dòtaman as fheàrr leis agus gun còrdadh e ris gu mòr Donnie Dòtaman fhaicinn a' cluich beò.

Dealbh a' sealltainn ad a chruthaich Archie le pìosan beaga feòir agus caoraich air a' mhullach air an cruthachadh a-mach à buill bheaga agus e air aodainn a dhealbhachadh orra. Tha tractar agus trèalair dhearg air an ad cuideachd agus dà chaora san trèalair.
Fo-thiotal an deilbh,

Chruthaich Archie an ad seo aig a' bhùth-obrach agus e a' feuchainn air ad ann an stoidhle Donnie Dòtaman a chruthachadh

Gabhaidh Donnie Dòtaman fhèin pàirt ann am prògram Feasgar An-diugh beò air BBC Radio nan Gàidheal feasgar Dihaoine agus iad a' craoladh beò à meadhan bhaile Steòrnabhaigh.

Bidh am prògram air an eadhair bho mheadhan-là.

Bidh Donnie Dòtaman a' cluich aig Fèis Cheilteach Innse Gall Disathairne air an Islands Stage agus e air a' chlàr-ama, taobh a-muigh airson 3:45f.