Draghan gan togail an Steòrnabhagh mu thuath-gaoithe

Luchd-togail-fianais
  • Air fhoillseachadh

Nochd mu 100 neach aig cruinneachadh ann a Steòrnabhagh Disathairne airson fianais a thogail an aghaidh phlanaichean 'son tuath-gaoithe far chosta Leòdhais.

'S iad a' bhuidheann Hebridean Seas Without Turbines a chuir an tachartas air doigh.

Bha iad a' taisbeanadh nan draghan a th' aca mu na tuathan gaoithe a tha san amhairc far taobh siar Eilean Leòdhais.

Thuirt a' bhuidheann gur e 'cruinneachadh sìtheil' a bha anns an tachartas airson na draghan a th' aca mu na planaichean airson an tuath-gaoithe mòr aig muir 'N4' no 'Spiorad na Mara'.

Chaidh draghan a thogail mu mheud nan crann-gaoithe agus mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an leasachadh air turasachd agus air na coimhearsnachdan.

Tha a' chompanaidh a th' air air cùl nam planaichean, Northland Power, a' gealltainn buannachd luach £4.5m sa bhliadhna dhan choimhearsnachd ma thèid am pròiseact Spiorad na Mara air adhart.