Rugadh na ciad bhìobhairean sa Mhonadh Ruadh an 400 bliadhna

BìobhairTùs an deilbh, Urras nam Bìobhairean
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh teaghlaichean de bhìobhairean a leigeil mu sgaoil sa Mhonadh Ruadh an-uiridh agus sa Mhàrt

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gun do rugadh cuileanan do bhìobhairean sa Mhonadh Ruadh airson a' chiad uair on chaidh na beathaichean à bith ann an Alba bho chionn còrr is 400 bliadhna.

Chaidh an dà chuilean a bhreith an dèidh mar a chaidh ceithir teaghlaichean de bhìobhairean a leigeil mu sgaoil ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh an-uiridh.

Chaidh bìobhairean a thilleadh a dh'Alba ann an 2009, ach tha grunn de na beathaichean air a bhith air an leigeil mu sgaoil gu mì-laghail.

Chaidh trì buidhnean eile de bhìobhairean a leigeil mu sgaoil aig tèarmann RSPB Alba faisg air Ceann a' Ghiùthsaich sa Mhàrt mar phàirt de dh'iomairt a' Mhonaidh Ruaidh na beathaichean ath-stèidheachadh sa sgìre

Tha bìobhairean cuideachd a' tighinn beò às ùr ann an Taobh Tatha, ann an Linne Fhoirthe, ann an Cnapadal agus ann an Loch Laomainn.

Cuilean bìobhair agus màthairTùs an deilbh, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Chithear cuilean bìobhair an seo aig bonn an deilbh ri taobh earball inbhich