Ath-thagradh Sràid na h-Acadamaidh "às a chiall"

Sràid na h-AcadamaidhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Thuirt BPA Gàidhealach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd "às an ciall" ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh breithneachaidh a chuir stad air planaichean gus Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis a leasachadh.

Tha Èideard Mountain ag ràdh gur ann air luchd-pàighidh nan cìsean a thuiteas a' chosgais air a' cheann thall.

Fo na planaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd, rachadh a' mhòr-chuid de chàraichean a chasg bho Shràid na h-Acadamaidh ann am meadhan Inbhir Nis.

Tha seo air a bhith connspaideach bho thùs agus air a' mhìos seo chaidh, thàinig breithneachadh bhon Mhorair Sandison ann an Cùirt an t-Seisein gum bu chòir stad a chur air na planaichean.

Fhuair e nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh is nach deach measadh a dhèanamh air a' bhuaidh air gnothachasan ionadail.

Dh'innis a' Chomhairle an t-seachdain seo chaidh ge-tà, gun dèan iad ath-thagradh.

A-nise tha am BPA Gàidhealach Tòraidheach Èideard Mountain air an ùghdarras ionadail a chaineadh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu math inntinneach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air co-dhùnadh ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh breithneachaidh a sheall nach do rinn iad an dleasdanas aca le co-chomhairle cheart a dhèanamh sa chiad dol a-mach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin às a chiall agus gun cosg e tòrr a bharrachd airgid dhaibh - airgead a thig à pocaidean an t-sluaigh.

"'S cinnteach gur e an rud simplidh a dhol a-mach is co-chomhairle cheart a dhèanamh, seach airgead a thilgeil air rud nach eil a' mhòr-chuid de ghnothachasan ann an Inbhir Nis ag iarraidh."

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd dad a ràdh.