Là Mòr na Bainnse aig Ospadal Mhuile agus Ì

Ian agus Lisa 's iad air pòsadh an-diugh san Ospadal.
- Air fhoillseachadh
Bha là mòr aig dithis ann an Ospadal Mhuile agus Ì Diluain agus iad air pòsadh san ospadal, ri lìnn tubaist.
Bha Ian agus Lisa an dùil pòsadh aig Caisteal Dhubhaird Diluain ach, nuair a thuit Lisa agus an dithis aca a-muigh air cuairt, bhris i a h-adhbrann, 's bha aca ri pòsadh san ospadal mus deach Lisa a' sgèith a Phàislig airson taic mheidigeach.

Bha luchd-obrach an ospadail air leth toilichte cuideachadh.
Bha luchd-obrach an ospadail gu math cruthachail agus iad trang ag ullachadh agus a' sgeadachadh an seòmar gus blas na bainnse a chur air.
Thuirt Com-pàirteachais Slàinte is Cùram Sòisealta Earra-ghaidheal is Bhòid gu bheil iad "a' guidhe gach sonas dhan an dithis aca 's gum biodh an slighe-beatha còmhla làn toileachas, gàire agus gaoil."

Rinn an luchd-obrach fìor mhath le na bh' aca airson an seòmar a' sgeadachadh.

Cha b' e seo an là ris an robh duine an dùil ach dh' obraich cùisean glè mhath aig a' cheann-thall.