Fàilte air £350,000 dhan Screen Machine

An Screen MachineTùs an deilbh, Regional Screen Scotland
  • Air fhoillseachadh

Tha an Screen Machine a' cur fàilte air taic-airgid a fhuair iad 'son na h-iomairt aca gus an t-seirbheis a shàbhaladh.

Bha iad am measg na fhuair earrann de mhaoineachadh bhon chompanaidh chumhachd SSEN Transmission.

Fhuair an Screen Machine £350,000 a dh'ionnsaigh na targaid aca de £1.7m air a bheil iad ag amas gus an t-seirbheis a ghlèidheadh.

Thèid an t-airgead sin a chleachdadh air a' cheann thall airson taigh-dhealbh taisteil ùr a thogail a bheir cothrom do choimhearsnachdan dùthchail air fiolmaichean fhaicinn san sgìre aca fhèin.

Tha an t-airgead ùr a' toirt dhaibh cha mhòr a' dùblachadh na bh' aca san stòras roimhe.

"Tha sinn air ar dòigh a bhith air ar taghadh airson a' mhaoineachaidh seo sa chiad chuairt de dhuaisean tro Mhaoin ùr nan Coimhearsnachdan Roinneil aig SSEN Transmission," thuirt Àrd-Oifigear Regional Screen Scotland, Simon Drysdale.

"Tha an t-suim de £350,000 gar toirt nas fhaisge air an t-amas againn a choileanadh, a bhith a' togail Screen Machine ùr-nodha don Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan leis an toir sinn draoidheachd fiolma do 44 coimhearsnachdan.

"Tha am maoineachadh fiallaidh seo a' tighinn an dèidh na naidheachd gun d' fhuair sinn prìomh mhaoineachadh dhan t-seirbheis againn tro Mhaoineachadh Ioma-bhliadhnail Alba Chruthachail.

"Le chèile, tha na suimean seo a' toirt dhuinn seasmhachd ach an cum sinn oirnn a' toirt seachad na seirbheis, agus a' togail airgid a dh'ionnsaigh na targaid againn de £1.7m," thuirt e.