Tadhlaidh ceannard ChalMac air Uibhist a Deas Diluain

Robbie Druimeanach
Fo-thiotal an deilbh,

Àrd-stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn Robbie Druimeanach

  • Air fhoillseachadh

Tadhlaidh Àrd-Stiùiriche ChalMac, Robbie Druimeanach air Uibhist a Deas Diluain airson bruidhinn ri eileanaich agus luchd-obrach na companaidh mu shuidheachadh nan seirbheisean aiseig.

Tha seo a' tighinn às dèidh dha na ceudan a bhith a' togail fianais ann an Uibhist air an deireadh-sheachdain a dh'fhalbh, leis gun chaill iad aiseig Loch Baghasdail airson a’ chòrr den mhìos.

Agus tha Mgr Druimeanach ag aideachadh nach d' fhuair Uibhist a Deas an ìre de sheirbheis a bu chòir san àm a dh'fhalbh.

"Tha mi a' gabhail ris gu bheil Uibhist a Deas air seirbheis bhochd fhaighinn thairis air na sia mìosan a dh'fhalbh.

"Aon uair is gun till am Finlaggan aig deireadh an Ògmhios, tillidh seirbheis Loch Baghasdail aig a' char as anmoiche air a' chiad là den Iuchair.

"Chan e sin ach trì seachdainean eile.

"Ma thilleas an Hebridean Isles na bu thràithe na sin, thèid againn air tòiseachadh seirbheis Loch Baghasdail an uair sin.

"Tha fios agam gur e dhà no trì seachdainean glè dhoirbh a bhios ann dhan choimhearsnachd.

"Tha sinn misneachail gum bi seirbheis slàn ann gu Loch Baghasdail bho thoiseach an Iuchair.

Fo-thiotal an deilbh,

Thogadh fianais ann an Loch Baghasdail air an deireadh sheachdain an aghaidh ghearraidhean sheirbheisean nan aiseigean.

Tha muinntir Uibhist a Deas feargach mun t-suidheachadh seo, mar a dh' innse Cathraiche Stòras Uibhist, Màiri Schmoller.

"Tha barrachd na sia mìosan on a thòisich na trioblaidean againne, tha trì bliadhnaichean air a bhith ann," thuirt i.

"Bha sinn foighidneach gu leòr ris airson treis ach tha sinn ullamh ris a-nis.

Thuirt i gu bheil muinntir Uibhist a Deas air a bhith deònach coinneachadh ach nach eil iad a' faicinn adhartais sam bith.

"Thachair sinn ri Alasdair Allan BPA sia tursan, thachair sinn ri Ministear na Còmhdhail sia tursan, thachair sinn ris an leas-Prìomh Mhinisteir, agus dà phanail-sgrùdaidh, thachair sinn ri luchd-obrachd Còmhdhail Alba sia tursan agus thachair sinn ri Robbie Druimeanach trì tursan.

"Ach cha do thachair sìon.

"Feumaidh e èisteachd rinn.

"Tha fios againne gu bheil sinn feumach air an aiseig agus tha beachdan gu leòr againn.

Tha daoine ag obair airson CalMac a' fuireach anns a' choimhearsnachd againne agus tha beachdan acasan ach chan eil ceannardan ChalMac ag èisteachd riutha.

"Feumaidh iad rudeigin a dhèanamh."