Ospadal Phort Rìgh: "Cùram cabhagach san Lùnastal"

Eilidh Pheutan
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Eilidh Pheutan feumach air cùram cabhagach air a' mhìos a chaidh fhad 's a bha an t-ospadal dùinte

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid seirbheis chùraim chabhagaich làn-ùine a stèidheachadh a-rithist aig Ospadal Phort Rìgh san Lùnastal.

Choinnich luchd-iomairt ionadail ri NHS na Gàidhealtachd Diardaoin.

'S e tuigse a' BhBC gun do dh'innis NHS na Gàidhealtachd dhaibh gu bheil iad ag amas air na molaidhean gu lèir ann an aithisg neo-eisimeileach air cùram slàinte na sgìre a chur an sàs.

Chaidh Aithisg Sir Lewis Ritchie fhoillseachadh ann an 2018, 's tha an luchd-iomairt SOS NHS air a bhith a' strì airson 's gun deadh an cur an sàs, 's NHS na Gàidhealtachd air gabhail ri molaidhean na h-aithisg nuair a chaidh a foillseachadh.

"Bha aon fhear an siud còmhla rinn an-diugh 's thuirt e, nuair a bha iad a' bruidhinn mu dheidhinn a' phlana, thuirt e 'chuala sinn seo ceithir bliadhna air ais'," thuirt Myra NicLeòid, a tha na ball de SOS NHS 's a bh' aig a' choinneimh Diardaoin.

"Agus tha sinn a' dol air ais leis an aon duan sia bliadhna on a thàinig Aithisg Sir Lewis Ritchie a-mach, agus chan eil mòran air a dhol air adhart.

"Tha àrd-oifigear ùr ann, agus bheir sinn a h-uile cuideachadh dhi, 's bidh sinn an dòchas gun tig gnothaichean nas fheàrr.

"Ach mura tig cluinnidh iad mu dheidhinn," thuirt i.

Cha d' fhuair am BBC cead a dhol dhan choinneimh, agus cha robh duine bhon bhòrd slàinte saor airson agallamh a dhèanamh.

Ach ann am brath, thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do chuir iad plana gu Riaghaltas na h-Alba mu chùram chabhagach san sgìre anns a' Chèitean.

Dh'iarr am BBC fios bhon bhòrd slàinte mun phlana, ach cha d' fhuaireas sin fhathast.

Ospadal Phort RìghTùs an deilbh, DES COLHOUN/GEOGRAPH

Chaidh Riaghaltas na h-Alba an sàs sa chùis às dèidh mar a chaochail boireannach aig fèis chiùil ann am Port Rìgh air a' mhìos a chaidh, agus mun aon àm bha boireannach às an sgìre, Eilidh Pheutan, feumach air cùram cabhagach 's ospadal a' bhaile dùinte.

Às dèidh na coinneimh Diardaoin, fhuair Eilidh Pheutan cothrom coinneachadh ri riochdairean a' bhùird slàinte.

"Bha iad ag innse dhuinn mu dheidhinn an luchd-obrach ùir a th' aca a tha a' dol a thòiseachadh ann an seo, agus nan deitichean a bh' aca airson a h-uile rud a chur air dòigh," thuirt i.

"Tha na deitichean gu math faisg - uill bha mise a' smaoineachadh gun robh iad gu math faisg - so tha sinn an dòchas gum bi e fosgailte aig deireadh nan saor-làithean, so meadhan an Lùnastail.

"Ma tha e fosgailte air an deit sin bidh mi toilichte. Ach chì sinn," thuirt i.

Tha muinntir cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich air a bhith a' feitheamh còrr is sia bliadhna a-niste airson fuasglaidhean fhaicinn air cuid de thrioblaidean cùraim slàinte na sgìre.

Ged nach eil fios fhathast dè an cruth a bhios air cùram cabhagach aig Ospadal Phort Rìgh, tha dòchas ann a-niste gu bheil cùisean a' gluasad air adhart.