Ceannard an t-Saor-Phuirt Uaine ga ainmeachadh

'S ann air gnìomhachas a' chumhachd uaine a bhios an saor-phort stèidhichte
- Air fhoillseachadh
'S e fear gnothaich às Inbhir Nis a' chiad cheannard a bhios air an t-saor-phort uaine ùr a thèid a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.
A rèir Chaluim Mhic a' Phearsain, dh'fhaodadh an leasachadh cruth-atharrachadh a thoirt air an sgìre.
Tha dòchas ann gun cruthaich an saor-phort suas ri 25,000 cosnadh agus gun cuir e còrr is £2bn ris an eaconomaidh ionadail.
Tha Mgr Mac a' Phearsain den bheachd gum fàg an leasachadh - le làraichean ann an Linne Chrombaigh, Inbhir Ghòrdain, Neig agus Inbhir Nis - an sgìre nas seasmhaiche, agus nas tarraingiche do dh'in-ionmhas on taobh a-muigh.
Thathas ag amas air gnìomhachas bun-structair cumhachd gaoithe aig muir cho math 's a th' anns an t-saoghal a thogail air na làraichean.
An cois na h-inbhe mar shaor-phort uaine, bidh gnìomhachasan a' faighinn diofar bhuannachdan cìse gus na pròiseactan aca a leasachadh.
Bha Mgr Mac a' Phearsain ron a seo ag obair do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus tha e an-dràsta na Stiùiriche airson Proiseactan Calpa sa bhuidhinn Robertsons.
Tòisichidh e san dreuchd ùir san Lùnastal.