CnES: "Cha chumar seirbheisean le sìor-ghearradh"

Malcolm Burr
  • Air fhoillseachadh

Tha àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar Malcolm Burr ag ràdh nach urrainn dhaibh cumail orra le gearraidhean gach bliadhna agus na seirbheisean riatanach aca a chumail a' dol.

Tha seo a' tighinn is iad a' coimhead ri buidseat na Comhairle 'son na bliadhna ri thighinn.

Beachdaichidh comhairlichean air càite an tèid gearraidhean a dhèanamh sna seachdainnean a tha romhainn agus aca ri £4m a lorg.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar barrachd airgid am-bliadhna bho bhuidseat na h-Alba an taca ris an àm seo an-uiridh, nas lugha na 1% a bharrachd.

Tha seo nas lugha na ìre na h-atmhorachd ge-tà, is tha a' Chomhairle air a ràdh gu bheil seo gam fàgail ann an suidheachadh dùbhlannach uair eile, leis nach eil gu leòr ann 'son na seirbheisean poblach a lìbhrigeadh mar a bu chòir.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Malcolm Burr ag ràdh gu bheil iad faisg air ìre nach bi e comasach seirbheisean riatanach a chumail a' dol ma leanas gearraidhean

Leis gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' strì a thaobh ghearraidhean 'son iomadh bliadhna a-nis, tha Mgr Burr ag ràdh nach urrainn dhaibh cumail orra a' gearradh gach bliadhna is na seirbheisean a dh'fheumas iad a thoirt seachad a chumail a' dol.

"Saoilidh mi nach eil sin fada air falbh," thuirt e.

"Thug mi fianais do Chomataidh an Ionmhais is na Rianachd Poblaich aig Pàrlamaid na h-Alba bho chionn ghoirid, agus thuirt mi sin riutha, nach gabh an ìre a th' ann de ghearraidhean cumail a' dol ma tha an roinn phoblach air feadh Alba, gu h-àraid ùghdarrasan leithid na Comhairle gu bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean riatanach a tha math gu leòr.

"Sin gun luaidh air na dleastanasan eile a th' oirnn leithid ceannas coimhearsnachd agus riochdachadh nan eilean," thuirt e.

Tha dùil gum faigh a' Chomhairle dàrna leth den £4m a dh'fheumas iad a lorg bhon chùl-stòr ionmhais aca, àrdachadh den chìs-chomhairle agus airgead bho Oighreachd a' Chrùin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha CnES a' coimhead ri àrdachadh ann an cìs na comhairle

"Saoilidh mi gu bheil e cothromach a ràdh gum feum àrdachadh sa chìs-chomhairle - 's dòcha os cionn na h-atmhorachd - a bhith mar phàirt den phlana ionmhais againn," thuirt Mgr Burr.

"Thugadh dhuinn àrdachadh dha-rìribh ann an dreach-rèite na bliadhna seo, mar a thugadh don a h-uile comhairle, agus 's e sin a' chiad uair ann an iomadh bliadhna a chaidh agam air sin a ràdh.

"Ach, gu dearbha, coltach ris na comhairlean uile, tha easbhaidh nach beag againn a h-uile bliadhna, agus 's e a' chiad obair a th' agamsa comhairle a chumail ri buill mu mar a choinnicheas sinn ris an easbhaidh sin."

Coinnichidh comhairlichean sna seachdainnean ri thighinn gus deasbad air gearraidhean eile mus tèid am buidseat aontachadh aig deireadh a' Ghearrain.