Dragh mu àireamh nan oileanach air làrach SMO

Sabhail Mòr OstaigTùs an deilbh, Geograph/James Allan
  • Air fhoillseachadh

Tha ceistean mun cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus aithrisean ann nach eil ach mu 32 oileanach làn-ùine gan oideachadh air an làraich ann an Slèite am-bliadhna.

Thuirt Prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, an Dr Gillian Rothach, nach eil fhios le cinnt aig an ìre-sa cia mheud oileanach làn-ùine a bhios aca am-bliadhna, ach gu bheil àireamhan tòrr nas motha na sin gan oideachadh aig astar air-loidhne.

Coltach ri buidhnean poblach eile tha am maoineachadh aca gann, thuirt i, agus cha tig àrdachadh air an airgead a tha sin.

Dh’innis an Dr Rothach cuideachd gu bheil gearraidhean air fàire dhan Cholaiste, le sgeama air tòiseachadh mar-thà airson luchd-obrach a bhith a’ fàgail an dreuchd gu saor-thoileach, agus cha tèid dreuchdan bàna nach eil air a meas riatanach a lìonadh.

Thèid feuchainn ri cosgaisean ruith seirbheisean nach eil a’ buntainn ri dreuchdan a lùghdachadh cuideachd agus tha iad a’ lorg chothroman barrachd airgid a thoirt a-staigh.

Àireamhan

Tha beagan is 100 neach-obrach aig a’ cholaiste uile gu lèir le feadhainn dhiubh ag obair pàirt ùine.

Thuirt an Dr Rothach nach b’urra dhi dearbhadh aig an ìresa cia mheud oileanach a bhios stèidhichte air an làraich fhèin ach gu bheil corr is 500 oileanach aca ag ionnsachadh eadar an fheadhainn a tha air an làraich agus a tha ag obair aig astar.

“Se àireamh gu math fallain a tha seo uile gu lèir.

“Bidh an àireamh ag atharrachadh a rèir nan cùrsaichean a’ tòiseachadh agus iarrtasan a bharrachd a thig a-steach,” thuirt i.

Thòisich oileanaich an cùrsa ceum an t-seachdain a chaidh agus tha oileanaich eile a’ tòiseachadh an ath-sheachdain.

Thig buidheann eile san Dàmhair agus a rèir an Dr Rothaich tha cothroman ann fhathast barrachd oileanach a thàladh ann agus le sin barrachd airgid.

Ri linn sin chan eil cinnt ann fhathast dè am buidseat a bhios ann, thuirt i.