Misneachd: "Soilleireachd a dhìth air Bile nan Cànanan Albannach"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Gille-Chrìost MacGillEòin

  • Air fhoillseachadh

A rèir na buidhne iomairt Misneachd feumaidh an Riaghaltas mìneachadh nas soilleire a thoirt air grunn nithean a tha a' nochdadh ann am Bile nan Cànanan Albannach - gu h-araid air na "sgìrean cànain sònraichte".

Ann am freagairt ris a' cho-chomhairle a tha ga dhèanamh air an reachdas, tha Misneachd cuideachd a' togail dragh nach bi airgead gu leòr ann airson suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

Ach tha a' bhuidheann ag ràdh gur e ceum air adhart a th' anns a' bhile san fharsainneachd, is tha iad a' brosnachadh dhaoine beachd a thoirt air a bhith ga neartachadh.

"'S e rud susbainnteach a th' ann, agus 's e ceum air adhart a th' ann, gu h-àraid a thaobh foghlaim," thuirt Gille-Chrìost MacGillÉòin bho Mhisneachd, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Tha gu leòr ann a thaobh foghlaim.

"Atharrachaidhean beaga an siud 's an seo sa chuid as motha, ach uile gu lèir 's dòcha gum bi adhartas ann mar thoradh air.

"Tha gu leòr ann a bhios an urra ris an Riaghaltas san àm ri teachd a' dealbhachadh ro-innleachdan no fo-reachdas agus riaghailtean, agus bun-inbhean san àm ri teachd.

"Agus chan eil soilleireachd ann fhathast ciamar a bhios iad a' cleachdadh nan cumhachdan sin.

Sgìrean Cànain Sònraichte

"'S e an rud as motha 's dòcha, Earrann 4 sa bhile, seo an rud as ùire, na "Sgìrean Cànain Sònraichte" a tha seo.

"Tha seo a' tighinn a-mach às a' ghealladh gum biodh "Gàidhealtachd" aithnichte ann, car coltach, 's dòcha, ris na th' ann an Èirinn.

"Chan eil iad a' cleachdadh an fhacail "Gàidhealtachd" ach 's e sin an seòrsa rud a bhiodh ann, fo am biodh cumhachd aig comhairlean ionadail sgìre - 's dòcha an sgìre iomlan aca no pàirt dheth - a chomharrachadh mar sgìre far a bheil ro-chudromachd aig a' Ghàidhlig air sàilleibh gu bheil tòrr Ghàidheal a' fuireach ann, no gu bheil sgoiltean Gàidhlig ann, no ge b' e dè an t-adhbhar.

"Dh'fhaodadh na h-Eileanan an Iar, agus Glaschu, agus 's dòcha àitean air tìr-mòr na Gàidhealtachd a tha ceangailte ris a' Ghàidhlig gu h-eachdraidheil an t-inbhe sin fhaighinn.

"Ach an-dràsta chan eil e soilleir idir dè bhiodh e a' ciallachadh.

"Tha sinne a' moladh barrachd susbainnt a chur a-steach dhan t-siostam a tha seo, agus bha sinn a' moladh rudeigin stèidhichte air an t-siostam a th' ann an Èirinn a thàinig a-steach bho chionn còrr is deich bliadhna a-niste fo Acht na Gaeltachta.

"Tha e a' cruthachadh chan e a-mhàin inbhe a dh'fhaodadh a bhith aig sgìre de mheud sam bith, ach tha e a' cruthachadh sgìre fa leth, sgìrean beaga ionadail, aig a bheil plana cànain ionadail airson an cànan a bhrosnachadh agus a neartachadh san sgìre, oifigearan leasachaidh ionadail, agus buidseat ionadail.

"Tha sinne a' smaoineachadh gum biodh an ìre ionadail a tha sin, agus planaichean coimhearsnachd ionadail gu math cudromach.

"Ged a tha rud beag mu dheidhinn sin ann an cuid de na pàipearan chan eil soilleireachd ann dè seòrsa inbhe oifigeil a bhiodh aig planaichean cànain coimhearsnachd, is tha sinne ag ràdh gum bu chòir cunbhalachd agus soilleireachd a bhith ann airson a h-uile sgìre a tha a' faighinn na h-inbhe," thuirt e.

Tha a' cho-chomhairle aig Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne is nan Daoine Òga air Bile nan Cànanan Albannach a' leantainn chun an 8mh là den Mhàrt is faodar beachd a thoirt seachad tro làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.