NHS nan Eilean Siar a' sanasachd 'son obraichean ceannais

Tursachan Chalanais
  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt ùr aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson daoine a bhrosnachadh a thighinn a dh'obair agus a dh'fhuireach anns na h-eileanan 's iad a' sireadh àrd-oifigearan.

Tha obraichean airson Stiùiriche Nursaidh is Àrd-oifigear, Stiùiriche Slàinte Phoblaich agus Stiùiriche Goireasan Daonna (HR).

Ann an sanas thuirt am bòrd gu bheil iad a' sireadh cheannardan aig a bheil meas air cùram-slàinte ann an àiteachan iomallach, airson beatha nas fhèarr a bhith aca a thaobh obair is dòigh-beatha.

A bharrachd air an turastal aca gheibh iad suas ri £8,000 airson gluasad agus bidh cuibhreann-brosnachaidh airson a bhith a' fuireach anns na h-eileanan cuideachd.

Thuirt Àrd-oifigear a' Bhùird Gòrdan Jamieson gu bheil iad a' feuchainn ri daoine a thàladh airson seirbheisean a chumail anns na h-eileanan.

"Mar eisimpleir, tha sinn an dòchas sganair MRI a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh a dh'aithghearr.

"Tha seo air sgath na misneachd a th' aig an luchd-obrach againn a dhol an sàs airson seirbheisean a' leudachadh agus a dhèanamh nas fheàrr," thuirt e.

Coltach ri iomadach bòrd slàinte air feadh na dùthcha, tha trioblaidean air a bhith aca luchd-obrach fhastadh agus iad a' farpais an aghaidh bhòrd anns na bailtean-mòra far a bheil 's dòcha daoine a' faighinn diofar chothroman an luib na h-obrach.

Ach tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an dòchas gum faic daoine gu bheil beatha mhath ri fhaighinn anns na h-eileanan agus gum faigh iad toil-inntinn às an obair, le sgiobaidhean beaga, ach cuideachail.

A bharrachd air an sin, thuirt iad gu bheil seallaidhean bòidheach, tòrr chur-seachadan air a' bhlàr a-muigh, agus goireasan siubhail glè mhath airson faighinn gu tir-mòr ma tha sin a dhìth.

Tha iad air bhideo, taobh a-muigh a dhèanamh airson daoine a bhrosnachadh.