Cunntasan Colaisde a' Chaisteil fon phrosbaig aig Holyrood Diciadain

- Air fhoillseachadh
Cluinnidh buill-phàrlamaid Albannach fianais an-diugh mu aithisg a fhuair mearachdan ann an cunntasan Colaisde a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh airson 2022/23.
Fhuair aithisg, taobh a-muigh Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba nach do lean iad ìrean cunntasachd co-cheangailte ris an earrann aca ann an Cnoc Soilleir Earr (CSE) - iomairt charthannais a stèidhich a' cholaiste agus Ceòlas Uibhist mar cho-bhanntachd.
Mhol luchd-sgrùdaidh dhan cholaiste gum bu chòir dhaibh earrann £4.7m de luach CSE a chur anns na cunntasan airson 2022/23.
Cha do dh'aontaich manaidsearan na colaiste ri sin agus b' e earrann luach £1 a chaidh dha na cunntasan.
Tha UHI air a ràdh roimhe gur e sgaradh bheachd mu luach earrann na colaiste ann an CSE a th' air cùlaibh seo.
Cluinnidh Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich ann an Holyrood fianais bho Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba, Stephen Boyle, agus Stiùiriche Sgrùdaidh Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, Mark Mac a' Phearsain.
Cuideachd a' toirt seachad fianais bidh Ian Howse bhon chompanaidh sgrùdaidh choimeirsealta Deloitte a rinn an sgrùdadh ionmhasail don cholaiste, a tha a-nis mar phàirt de UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.
Nì buill na comataidh co-dhùnadh air a bheil ceistean rim freagairt fhathast an dèidh dhaibh beachdachadh air fianais nan eòlaichean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar