Ceilp a' dìon nan cladaichean, a rèir luchd-saidheans

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-saidheans ag ràdh gum faodadh ceilp a bhith garbh feumail airson costaichean na h-Alba a dhìon bho chrìonadh agus an làn a bhith a' dol thairis.
Ma tha an fheamainn pailt, tha tonnan mòran nas lugha, a rèir sgrùdaidh a rinn Oilthigh Heriot-Watt ann an Uibhist agus Arcaibh.
Fàgaidh samhail ceilp is bileanach suailichean mòran nas lugha a rèir eòlaichean bho Oilthigh Heriot-Watt, agus leis an sin, cha dèan iad uiread de chron air costaichean na h-Alba.
Rinn iad sgrùdadh an Uibhist nuair a bha fìor dhroch shìde ann, agus bha na tonnan suas ri 70% na b' ìsle far an robh feamainn.
Bha suailichean an Arcaibh, far an robh ceilp, suas ri 25% na bu lugha.
Chaidh modaileadh coimpiutaireachd adhartach a chleachdadh mar phàirt den sgrùdadh gus faicinn dè a' bhuaidh a th' aig cumhachd nan suailichean air an àrainneachd.
Tha an luchd-saidheans an dòchas gun gabh an rannsachadh aca a chleachdadh airson costaichean na h-Alba a dhìon bho thuiltean is bho chrìonadh.