Co-chomhairle air sgoil ùr dhan Mhanachainn

- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi co-chomhairle ann a dh'aithghearr mu sgoil ùr anns a' Mhanachainn.
Tha iad a' moladh làraich ùir airson na sgoile a th' ann an-dràsta.
Dh'innis pàrantan, luchd-curaim agus coimhearsnachd a' bhaile o chionn fhada nach eil togalach 19mh Linne na bun-sgoile a' tighinn a rèir fheumlachdan an là an-diugh.
Tha i suidhichte meadhan a' bhaile agus beagan 's 100 ga frithealadh.
Dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim gun tèid co-luadar a dhèanamh mu bhith a' togail sgoile ùire an iar air Cnoc na Ràth sa bhaile fhèin.
Dh'iarr Cathraiche na comataidh, an Comh Iain MacFhionnlaigh, air a h-uile duine beachdan a chur ris a' cho-luadar fhèin.
Tha dùil gum bi aithisg dheireannach ga deasbad aig a' Chomhairle as t-earrach.