Àrd-sgoil Ghàidhlig dha na h-Eileanan Siar?

Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil e soilleir fhathast co-dhiù b' e sgoil fa leth a bhiodh ann no sgiath ùr air a chur ri Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh

Coimheadaidh Comhairle nan Eilean Siar ri Àrd-Sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar.

Dh'aontaich comhairlichean coimhead ris a' bheachd aig coinneimh neo-fhoirmeil phrìobhaidich oidhche Mhàirt.

Tha plana Gàidhlig na Comhairle ag ràdh gun tèid coimhead ri sgrùdadh a dhèanamh feuch an robh a leithid comasach.

Thèid aithisg a thoirt do chomataidhean na comhairle sa Ghearran às dèidh sgrùdadh mu na cosgaisean 's na buannachdan a bhiodh an cois a' phròiseict.

Thathas a' tuigsinn gur ann an Steòrnabhagh a bhiodh an àrd-sgoil ùr.

Chan eil e soilleir fhathast an e sgoil fa leth a bhiodh ann, no sgiath ùr a chruthachadh an cois Àrd-Sgoil MhicNeacail a dh'aona-ghnothach airson sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig.

Dh'fhaodadh cuideachd gum biodh goireasan a tha sa bhaile mu thràth air an cleachdadh.

Chan eil ach aon àrd-sgoil ann an Leòdhas, agus tè eile sna Hearadh, tè eile ann an Uibhist agus tè eile ann am Barraigh. Tha a' Ghàidhlig ga teagasg anns a h-uile tè dhiubh.

'S e atharrachadh mòr a tha seo ann am poileasaidhean foghlaim cheannardan sna h-Eileanan is cuid air a ràdh sna bliadhnaichean a dh'fhalbh nach robh feum air sgoil Ghàidhlig fa leth.

Sheall figearan a' Chunntais-shluaigh mu dheireadh gu bheil a' Ghàidhlig air a dhol na mion-chànan anns na h-Eileanan Siar airson a' chiad uair, 's i a-niste aig dìreach 45% de mhuinntir nan eilean - beagan gann air 12,000 duine.

"Taic làidir"

Ann am brath Diciadain, thuirt CnES: "A rèir Poileasaidh Gàidhlig mar Chiad Chànan agus amasan a’ Phlana Cànain 2023-2028, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ beachdachadh air sgrùdadh comasachd gus dearbhadh an gabhadh foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh sna h-Eileanan Siar. Thathar a’ sireadh taic ionmhasail bho Riaghaltas na h-Alba airson an sgrùdaidh seo agus bidh aithisg a’ dol chun an ath sreath choinneamhan sa Ghearran 2025.

"’S e amas an sgrùdaidh comasachd, aithisg mhionaideach ullachadh air na nithean practaigeach, na cosgaisean agus na buannachdan a bhiodh an lùib a bhith a’ stèidheachadh foghlaim àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a thaobh foghlam, cultar, cànan agus eaconamaidh nan eilean.

"Chuala buill agus oifigearan na Comhairle an t-seachdain seo gun robh toraidhean sgrùdaidhean, a chaidh a dhèanamh am measg dhaoine aois 16 gu 25, a’ sealltainn gun robh taic làidir ann, bho air feadh nan Eilean Siar, airson àrd-sgoil Ghàidhlig. "Bha a’ mhòr-chuid de dhaoine òga a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Beurla a cheart cho taiceil don mholadh ’s a bha an fheadhainn a bha air a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Gus cothrom a thoirt do dhaoine co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh mar phàirt den phròiseas co-chomhairleachaidh phoblaich, thèid sgrìobhainn air-loidhne a tha a’ mìneachadh bhuannachdan agus eas-bhuannachdan a’ mholaidh a chuairteachadh."

Bile nan Cànanan Albannach

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh fios aca gun robh Comhairle nan Eilean Siar airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh sa sgìre agus gun tèid sgrùdadh iomchaidheachd a dhèanamh air àrd-sgoil Ghàidhlig.

Thuirt neach-labhairt: "Tha sinn ag obair airson a' Ghàidhlig a dhèanamh nas seasmhaiche tro ghrunn phoileasaidhean ann an craoladh, foghlam agus na h-ealain a tha a' faighinn taic-airgid luach faisg air £30m bho Riaghaltas na h-Alba sa bhliadhna ionmhais seo.

"Thèid a' Ghàidhlig na chànan oifigeil fo Bhile nan Cànanan Albannach agus bidh inbhean teagaisg na Gàidhlig na chois airson nan sgoiltean cho math ri ro-innleachd ùr airson foghlam Gàidhlig air feadh na dùthcha."