Crìonadh na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar

Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas
  • Air fhoillseachadh

Ma tha Gàidheil gu nàiseanta air togail fhaighinn à figearan a' Chunntais-shluaigh, 's e sgeul eile a th' ann anns na h-Eileanan Siar.

Thàinig àrdachadh gu nàiseanta, le 12,000 a bharrachd air chomas a' Ghàidhlig a bhruidhinn an taca ri 2011.

Anns na h-Eileanan an Iar ge-tà, lean an crìonadh, agus an cànan a-niste aig nas lugha na dàrna leth an t-sluaigh, 45%, airson a' chiad uair riamh.

Tha na figearan nàiseanta a' toirt a-steach daoine a th' air an cànan ionnsachadh gu beag no gu mòr.

Anns na h-Eileanan Siar ge-tà, thuit an àireamh luchd-labhairt 2,600 duine gu dìreach 11,426 a-mach à sluagh 25,563 duine.

Tha ceithir paraistean sa bheil a' Ghàidhlig fhathast aig mòr-chuid den t-sluagh ge-tà.

'S iad na sgìrean sin:

  • Paraiste Bharabhais ann a Leòdhas - an t-àite as treasa an Alba fhathast, mar a bha ann an 2011 - 55.3% ann an 2022, an taca ri 64% ann an 2011.

  • Paraiste Uibhist a Deas (a' toirt a-steach Beinn nam Fadhla) aig 54.8% an taca ri 60% ann an 2011.

  • Paraiste Uibhist a Tuath aig 51.7% an taca ri 61% ann an 2011

  • Paraiste Bharraigh aig 50.8% an taca ri 62% ann an 2011

A-mach à sluagh 8,619 eadar na ceithir paraistean seo gu lèir, tha 4,646 duine comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn (53%).

Tha na paraistean eile sna h-Eileanan Siar air crìonadh fhaicinn cuideachd.

Ann am Paraiste Steòrnabhaigh, tha 4,410 duine a-mach à sluagh 11,784 (37%) air chomas a' Ghàidhlig a bhruidhinn.

Tha sin an taca ri 5,484 duine (43%) ann an 2011 a-mach à sluagh 12,635.

Anns na Hearadh, tha 945 duine a bhruidhneas an cànan a rèir fhigearan 2022 a-mach à sluagh 1,933 (48%).

Tha sin an taca ri 1,207 duine a-mach à sluagh 2,005 ann an 2011 (60%).

Ann am Paraiste nan Loch ann an Leòdhas dh'innis an Cunntas-sluaigh ann an 2022 gun robh 753 duine ann a bhruidhneadh a' Ghàidhlig a-mach à sluagh 1,799 (41%).

Tha sin an taca ri 939 duine a-mach à sluagh 1,762 ann an 2011 (55%).

Ann am Paraiste Ùige Leòdhais, chaidh 664 duine a chlàradh le comas labhairt sa Ghàidhlig, a-mach à sluagh 1,433 (46%).

Tha sin an taca ri 870 duine ann an 2011, a-mach à sluagh 1,567 (55%).

"Dealbh Measgaichte"

Dh'aidich BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gur e "dealbh measgaichte" a th' anns na figearan

"Gu nàiseanta, sheall dàta a' Chunntais-shluaigh bho 2022 dealbh dòchasach dhan Ghàidhlig, le 2.5% de mhuinntir na h-Alba a-niste le sgilean air choireigin sa Ghàidhlig," thuirt e.

"Tha adhbhar dragh ge-tà, mun chànan traidiseanta anns na coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach againn. Thuit na h-earrainnean den t-sluagh anns na coimhearsnachdan Gàidhlig as treasa a th' againn leithid Barabhas agus Uibhist a Deas bho 64% gu 55%.

"Chan e gnothach cànain a-mhàin a tha seo, agus e na shamhla shoilleir air suidheachadh dùbhlanach nan eilean a thaobh àireamh an t-sluaigh, a thuilleadh air taigheadas, còmhdhail agus an eaconomaidh. 'S e dealbh measgaichte a th' ann san fharsainneachd.

"Bheir am fiosrachadh a chaidh fhoillseachadh an-diugh aire an deasbaid a tha a' dol mu Bhile nan Cànanan Albannach a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt a-steach, air dèanamh cinnteach gun cùm e taic ris a' chànan ann an coimhearsnachdan leithid nan Eilean Siar."