Buaireadh mu bhìobhairean am Bàideanach

Tha bìobhairean mar thà air an stèidheachadh ann an Taobh Tatha agus ann an Cnapadail
- Air fhoillseachadh
Tha ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a' feitheamh feuch am faigh iad cead bìobhairean a thoirt dhan sgìre.
Ma 's e agus gun toir Nàdar Alba cead seachad airson seo, bhiodh na bìobhairean ann ro dheireadh na bliadhna.
Ach tha cuid de thuathanaich na sgìre diombach agus iad ag ràdh nach d' fhuair iad èisteachd.
Tha luchd-rannsachaidh air a bhith ag obair bho 2017 feuch dè cho freagarrach 's a bhiodh e bìobhairean a stèidheachadh air Uisge Spè.
"Tha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air bhioran mu bhith a' tilleadh bhìobhairean dhan Phàirce Nàiseanta," thuirt an Dr. Sarah Henshall, a tha os cionn obair-ghlèidhteachais aig an ùghdarras.
"'S e fear de na prìomh adhbharan airson sin, gu bheil sinn dha-rìribh a' creidsinn gun cuidich iad sinn san t-sabaid an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus call bith-iomadachd.
"'S e beathaichean a th' ann am bìobhairean a tha comasach air cumadh a thoirt air an àrainneachd aca fhèin - beathaichean clach-iuchrach, mar a theirear riutha," thuirt i.

'S ann air talamh boglaich cois abhainn Spè eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus an Aghaidh Mhòir a dheadh na bìobhairean a leigeil ma sgaoil - ged a bhiodh cead an casan aca
'S ann eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus an Aghaidh Mhòir a dheadh na bìobhairean a leigeil ma sgaoil, eadar boglaichean aig an RSPB an cois na h-aibhne, oighreachdan Wildlands, agus Rat Mhurchais.
"Dh'fhaodadh tu smaoineachadh mar thà gun robh bìobhairean a-staigh an sin," thuirt fear de dh'oifigearan an RSPB a tha an sàs sa phròiseact, Thijs Claes.
"Nam faiceadh tu corra chraobh air a cagnadh, no rudeigin mar sin.
"Sin as coireach gu bheil e dha-rìribh a' freagradh air an t-suidheachadh a th' ann mar-thà.
"Bheireadh e beagan pisich air an àrainneachd, agus 's dòcha gun dèanadh e na h-eiceo-shiostaman beagan nas seasmhaiche.
"Ged a tha an àrainn seo fhathast ag obrachadh - bidh tuiltean ann - chaidh a h-atharrachadh gu ìre mhòir," thuirt e.
Cha b' ann sna sgìrean seo a-mhàin a bhiodh na bìobhairean ge-tà, 's iad saor gluasad far an iarradh iad fhèin a bhith.
Tha sin a' cur dragh air tuathanaich san sgìre.
"Thàinig ìomhaigh gu math tlachmhor de bhìobhairean às na "tachartasan co-chomhairleachaidh" mar a gabh iad orra," thuirt Ruairidh Ormiston, aig a bheil tuathanas faisg air an abhainn.
"Chòrdadh e rium gu mòr nam b' e sin an fhìrinn.
"Ach aon uair 's gun do thòisich sinn a' bruidhinn ri coimhearsnachdan far a bheil bìobhairean air a bhith o chionn suas ri 20 bliadhna ann an Alba - 's chan eil iad sin cho fada sin deas oirnn - chan e sin an dealbh ceart idir.
"Tha dragh gu h-àraid air tuathanaich, ach timcheall air Obar Pheallaidh mar eisimpleir, bha daoine gu math toilichte leis a' bheachd an toiseach, ach a-niste 's daoine air am milleadh a rinn iad fhaicinn air ceumannan-coise, 's air seann chraobhan daraich 's a h-uile rud, tha beachdan air atharrachadh," thuirt e.

Chan eil Mgr Ormiston na aonar.
Sìos an srath, ann am Baile nan Granndach, tha an tuathanach Raibeart Dòmhnallach cuideachd a' faireachdainn nach deach èisteachd ris na tuathanaich.
"Chaidh innse dhuinn gun robh na bìobhairean a' tighinn," thuirt e.
"Agus cuideachd, nuair a chuala sinn sin, chan eil planaichean sam bith air an cur ann an àite airson cuideachadh a thoirt do dhaoine a chailleas talamh, no a bhios uisge air a chur air feadh na talmhainn aca leis na damaichean aig na bìobhairean.
"Chan eil cuideachadh sam bith air a chur ann an àite airson nan daoine sin.
"'S e rud a th' ann a bh' air a phlanadh ro chleabhair," thuirt e.

Tha dragh ann an sgìrean far a bheil bìobhairean mar thà mun mhilleadh a nì iad air craobhan agus talamh-àitich
Tha an Dr. Henshall a' dol às àicheadh sin ge-tà, 's i ag ràdh gun robh 500 duine a' gabhail pàirt anns an rannsachadh air-loidhne, agus 100 duine aghaidh ri aghaidh.
Thuirt i gun robh 3/4 dhiubh a' toirt taic dha na planaichean - agus gu bheil taic ann bho thuathanaich.
"Tha seo a' toirt a-steach cheumannan leithid dìon a chur air craobhan fa-leth, damaichean a thoirt air falbh, fiù 's na bìobhairean a thoirt air falbh, no air a' cheann thall ma tha feum dha-rìribh air a leithid, am marbhadh," thuirt i.
"Agus a bhith a' mìneachadh do dhaoine gu bheil pròiseas an àite airson taic a thoirt do luchd-obrach fearainn is coimhearsnachdan ma chì sinn gu bheil droch bhuaidh aig na bìobhairean.
"Bha sin na fhaochadh do mhòran ris an do bhruidinn sinn," thuirt i.
Thuirt Mgr Claes cuideachd gun lean rannsachadh nuair a tha na bìobhairean air an stèidheachadh, agus gum bi cuideachadh ann dèiligeadh riutha ma bhios iad a' fàs ro phailt.
"Tha an t-uabhas de dheagh àrainn ri fhaighinn ann an Alba mus tig oirnn a bhith a' gabhail gnothaich ri bhith a' cumail smachd air bìobhairean," thuirt e.
"Ach bhiomaid an dòchas gum faiceamaid bìobhairean air tilleadh air feadh Alba mus tachradh sin," thuirt e.
Ged a tha na tuathanaich ag iarraidh stad a chur air cùisean rè ùine gus an tèid tuilleadh conaltraidh a dhèanamh, tha na buidhnean glèidhteachais an dòchas gum faigh iad cead ro dheireadh na Samhna, agus gum bi bìobhairean trang a' dèanamh an dachaigh sa Phàirce Nàiseanta ro dheireadh na bliadhna.