Fiosrachadh don phoball mun Rest and Be Thankful

- Air fhoillseachadh
Thèid fiosrachadh a thoirt don phoball air mar a tha a' dol do dh'oidhirpean air an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a leasachadh.
Tha sreath de thachartasan gan cumail, a' tòiseaschadh ann an Ceann Loch Chille Chiarain, a sheallas do dhaoine mar a tha fuasgladh maireannach ga lorg do mar a tha an rathad dualtach a bhith air a dhùnadh an sin le maoimtean-slèibhe.
Am measg na tha ga dhèanamh, tha fasgadh ga chur os cionn an rathaid airson a dhìon bho sprùilleach nam maoimtean-slèibhe.
Tha cuideachd an raon-parcaidh aig àite-seallaidh an Rest ga leasachadh.
Gheibhear fiosrachadh cuideachd mu obair airson fuasgladh sa gheàrr-ùine fhaighinn le bhith a' cleachdadh seann rathad an Airm air ùlar a' ghlinne.
Tha na tachartasan an t-seachdain seo mar a leanas:
Diluain an Talla Urras Leasachaidh Cheann a Deas Chinn Tìre an Ceann Loch Chille Chiarain eadar 10:00m is 4:00f
Dimàirt an Eaglais Bhaisteach Cheann Loch Gilb eadar 12:00f is 7:00f
Diciadain an Talla Baile Cheann Loch Goill eadar 10:00m is 4:00f
Diardaoin an Talla nan Trì Bailtean san Archar eadar 10:00m is 4:00f.
"Tha Riaghaltas na h-Alba gu daingeann airson fuasgladh maireannach a lorg dhan trioblaid le maoimtean-slèibhe air an A83 aig an Rest and Be Thankful," thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop.
"B' e dearbhadh air seo a bh' anns an fhiosrachadh a thugadh seachad an-uiridh gun deach an t-slighe a b' fheàrr leinn a thaghadh airson an rathad a leasachadh.
"Tha an obair-dealbhachaidh am-bliadhna a' gluasad aig astar, agus dùil gun tèid dreach-òrdughan fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna seo.
"Aig a' cheart àm tha sinn a' gluasad air adhart le ar planaichean gus an t-slighe eadar-amail air seann rathad an Airm a dhèanamh nas seasmhaiche.
"Tha dùil gum bi obair airson buaidh thuiltean a lùghdachadh aig ceann a deas an rathaid seo deiseil as t-Earrach," thuirt i.
Tha taisbeanadh bhiortual , taobh a-muighann do dhaoine nach fhaigh chun nan tachartasan fiosrachaidh.