Fàilte air airgead do dh'Aiseag a' Chorrain

MV Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil ach dà shoitheach a ghabhas cur air an t-slighe an-dràsta, agus bhris na dhà dhiubh sìos, a' fàgail an t-seirbheis dheth ùine mhòr.

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fàilte a chur air naidheachd an t-Seansalair Jeremy Hunt gun tèid £20m a chur mu choinneimh leasachaidhean air Aiseag a' Chorrain.

Thèid an t-airgead a chur a dh'ionnsaigh sin à Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis is na Gàidhealtachd, airson goireasan laimrig ùr-nodha a chur aig gach ceann an aiseig gus am faighear air barrachd dhiofar shoithichean a chur air an t-seirbheis ma tha feum air.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun cuir iadsan cuideachd leasachadh slàinte is sàbhailteachd an sàs dhan chriutha.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner, gu bheil fàilte ron ionmhas, 's gu bheil e a' sealltainn na buannachd a thig à co-obrachadh eadar riaghaltasan.

Chuir BPA Tòraidheach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Jamie Halcro-Johnston, fàilte air an naidheachd.

"Tha coimhearsnachdan an àite air a bhith a' feitheamh naidheachd o chionn ùine a thaobh mar a thèid an ceangal riatanach seo a leasachadh," thuirt Mgr Halcro-Johnston.

"Bha fìor dhragh ann mun bhuaidh a thug a' mhaill, a' mhì-chinnt 's an dùnadh buileach air a' choimhearsnachd.

"Saoilidh mi gun robh mòran dhaoine, mòran ghnothachasan a' sireadh co-dhiù beagan dòchais gun robh riaghaltasan de gach meud a' dèiligeadh ri seo ann an da-rìribh.

"Saoilidh mi gun tig na h-uimhir de bhrosnachadh às an naidheachd seo gu bheil an Riaghaltas - ged is e sin Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aig Westminster - a' coimhead ri seo.

"Feumaidh sinn a-niste fhaicinn gun tig Comhairle na Gàidhealtachd 's Riaghaltas na h-Alba còmhla a bheachdachadh air mar a ghabhas togail air an naidheachd seo," thuirt e.