SOS NHS: 'Feumar gnìomh a-niste'
![Iain Swinney](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/57c8/live/ed49ad80-142c-11ef-b9d8-4f52aebe147d.jpg)
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt slàinte san Eilean Sgitheanach a' cur fàilte air mar a chaidh an suidheachadh le cùram èiginneach ann an ceann a tuath an eilein a thogail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann an Holyrood.
Dh'aidich Iain Swinney nach eil an suidheachadh math gu leòr agus nach robh coir aig suidheachaidhean èiginneach an deireadh-sheachain am Port Rìgh tachairt idir.
Chaochail boireannach aig fèis-chiùil Skye Live agus thàinig air maoir-chladaich agus buill bhàta-teasargainn na sgìre cobhair a dhèanamh air tèile air an tàinig anaphylaxis.
Bha Ospadal Phort Rìgh, faisg air làimh, dùinte.
Dh'iarr sgrùdadh neo-eisimeileach bho chionn sia bliadhna cùram èiginneach làn-ùine ann am Port Rìgh agus ghabh NHS na Gàidhealtachd ri sin.
Carson, dh'fhaighnich Ceannard nan Tòraidhean an Alba, Dùghlas Ros, nach eil sin ann?
"'S e a' chiad mholadh, aig fìor thoiseach an ath-sgrùdaidh seo bhon Chèitean 2018, seo: 'bu chòir cùram èiginneach taobh a-muigh uairean àbhaisteach aig Ospadal Phort Rìgh a bhith ri fhaotainn 24/7'," thuirt e.
"Thuirt e cuideachd nach bu chòir do dh'Ospadal Phort Rìgh a bhith dùinte idir taobh a-muigh uairean àbhaisteach.
"Carson, ma-tha, air an t-sia bliadhna mu dheireadh nach deach molaidhean an ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich seo a chur an sàs?"
![Ospadal Phort Rìgh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/fe2c/live/043a7b00-142d-11ef-82e8-cd354766a224.jpg)
Seo mar a fhreagair Iain Swinney:
"Oifigeir Riaghlaidh, tha mi ag aontachadh ri Mgr Ros, cha bu chòir seo a bhith air tachairt idir," thuirt e.
"Tha mi an toiseach ag iarraidh mo cho-bhròn dha-rìribh a chur an cèill do theaghlach na tè a chaill a beatha, agus tha mi ag iarraidh a ràdh ri Eilidh gu dìreach gu bheil mi duilich airson an t-suidheachaidh eagalaich a thàinig oirre oidhche Shathairne.
"Mar a bhios fios aig Mgr Ros, chan eil Ospadal Phort Rìgh ag obair an-dràsta mar ghoireas èiginneach 24/7.
"Mhol Sir Lewis Ritchie o chionn beagan bhliadhnaichean gum bu chòir dha a bhith, agus tha e na chùis iomagain dha-rìribh don Riaghaltas nach eil sin air tachairt.
"Bhruidhinn Rùnaire na Slàinte ri ceannardan NHS na Gàidhealtachd an-dè ga dhèanamh soilleir gur e sin a tha sinn ag iarraidh a thachras cho luath 's a ghabhas."
Chuir a' bhuidheann SKYE SOS NHS a tha ag iomairt airson seirbheisean slàinte an ceann a tuath an eilein a ghlèidheadh, fàilte air na thuirt Mgr Swinney.
Ach tha iad ag ràdh gu bheil e uabhasach gun robh bàs agus suidheachadh èiginneach ann mus tug àrd-luchd-poilitigs feairt orra.
"Tha sinn gu math toilichte seo a chluinntinn on Phrìomh Mhinistear," thuirt Niall Caimbeul bhon bhuidhinn.
"Ach tha sinn ag iarraidh rudan a bhith a' tachairt a-nise.
"Tha sinn an dèidh a bhith a' cluinnteil mu dheidhinn seo 'son sia bliadhna a-nise.
"Feumaidh sinn a-nise faicinn rudeigin air a dhèanamh."