Moit às an Glen Sannox
- Air fhoillseachadh
Thuirt Àrd-oifigear na companaidh Ferguson Marine gum bi am bàta, an Glen Sannox na bàta "a dh'fhaodas sinn uile a bhith moiteil às".
Bha Daibhidh Tydeman air beulaibh bhall-pàrlamaid aig Comataidh na Còmhdhail ann an Holyrood Diluain.
Tha an soitheach a thathas a' togail air Abhainn Chluaidh, 6 bliadhna air dheireadh, agus leis an dàil tha a' chosgais air a son air èirigh gu £194.1m.
Thuirt Mgr Tydeman gu bheil iad air tòrr leasanan ionnsachadh bho bhith a' togail an Glen Sannox, agus ged a tha dùil gun cosg an dàrna bàta a tha iad a' togail, an Glen Rosa, suas gu £150m, tha e dòchasach gun tèid sin a ghearradh gu £140m leis na tha iad air ionnsachadh.
Dh'innis Mgr Tydeman gun deach gu math le na deuchainnean mara a chaidh a dhèanamh bho choinn ghoirid air an Glen Sannox 's gur e bàta rèidh, socair a tha innte.
Tha e dòchasach gum bi i deiseal aig deireadh a' Chèitein no aig toiseach an Ògmhios.
Tha dùil gum bi an Glen Rosa deiseil as t-fhoghar an ath-bhliadhna.