Adhartas le siostam IT CNES às dèidh ionnsaigh saidhbeir
- Air fhoillseachadh
Tha adhartas ga dhèanamh ann a bhith ag ùrachadh shiostaman IT Comhairle nan Eilean Siar às dèidh ionnsaigh saidhbeir an-uiridh.
Bidh co-dhiù sia mìosan eile ann mus bi cùisean air ais chun àbhaist agus tha tomhais ann gun cosg e £0.5m an cron a chaidh a dhèanamh a chur ceart.
B' ann san t-Samhain an-uiridh a dh'fhulaing Comhairle nan Eilean Siar ionnsaigh air an t-siostam IT aca.
Dh'fheumadh siostaman a bhith air an cruthachadh às ùr agus chaidh tòrr fiosrachaidh a chall.
Dh'fhàg seo cùisean fìor dhuilich dhan ùghdarras ionadail seirbheisean bunaiteach a thoirt seachad.
A' bruidhinn aig tachartas airson gnìomhachasan oideachadh a thaobh ionnsaighean saidhbeir, thuirt Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, gun deach obair mhòr a dhèanamh a' càradh am milleadh a chaidh a dhèanamh leithid air roinn an ionmhais, ach gu bheil obair mhòr fhathast a' dol.
"Tha làrach-lìn eadar-amail againn an-dràsta, ach bidh làrach-lin ùr agus nas fhèarr againn a dh'aithghearr".
A rèir Mhgr Burr, tha coltas ann gun cosg e mu £0.5m 'son cùisean a chur ceart.
Tèarainteachd
Tha Ionad na Tèarainteachd Saidhbear air a bhith a' cuideachadh na Comhairle a' rannsachadh na h-ionnsaigh agus a' toirt seachad taic ann a bhith ag ùrachadh nan siostaman aca.
Thuirt Àrd-Oifigear na buidhne, Jude McCorry, gum bu chòir daoine a bhith mothachail dhan chunnart bho ionnsaighean saidhbeir fad na h-ùine.
"Dèan cinnteach gu bheil na faclan-faire agaibh air an ùrachadh tric, 's gu bheil tèarainteachd adhartach agaibh.
"Tha mèirlich a' cumail sùil air gnìomhachasan 's air buidhnean poblach fad an t-siubhail 's mar sin, bu chòir luchd-obrach a bhith deiseil air an son" thuirt i.
Tha a' Chomhairle a-rithist air barantas a thoirt seachad nach deach fiosrachadh pearsanta ma sgaoil san ionnsaigh.