Fear fo chasaid an dèidh tubaist mhairbhtich air an A9

Làrach na tubaisteTùs an deilbh, JASPERIMAGE
  • Air fhoillseachadh

Nochd fear à Aimeireaga sa chùirt fo chasaid gun do mharbh e seann phàrantan agus an ògha aca ann an tubaist-rathaid air an A9.

Thachair an tubaist faisg air Sloc Muice air an A9 air 5mh Iuchar 2022.

Bha Paul Gillcrist, 68, air cùl cuibhle Mercedes CLA nuair a thachair an tubaist, san robh grunn charbadan an sàs.

Chaidh Daibhidh Mac a' Phearsain, 68, a bhean Elza, 64, agus an ògha Harris Cochrane, a bha dà bhliadhna de dh'aois, a mharbhadh.

Rinn Mgr Gillcrist tagradh neo-chionntachd anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diardaoin, an aghaidh casaid gun do dh'adhbhraich e bàs le dràibheadh gu cunnartach, agus casaid eile de dhràibheadh gun chùram.

Tillidh a' chùis dhan chùirt san Fhaoilleach an ath-bhliadhna, aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis, mu choinneimh a' Bhritheimh am Morair Mulholland.