"Laigsean" ann am Bile nan Cànanan Albannach
- Air fhoillseachadh
Tha a' Ghàidhlig ann an "suidheachadh cunnartach" a rèir aithisg ùir pàrlamaid.
Nochd an aithisg, a rinn Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne 's nan Daoine Òga aig Holyrood, na h-uimhir de theagamh mu cho freagarrach 's a tha Bile nan Cànanan Albannach mu choinneimh nan dùbhlan a th' aig a' Ghàidhlig, agus aig Albais.
Dh'aithnich an aithisg cho cudromach 's a bha e gu samhlachail inbhe oifigeil a thoirt don dà chànan, 's gu bheil amasan farsaing a' Bhile a' faighinn taic.
Ach nochd daoine a thug fianais dhan rannsachadh dragh nach beag mu dhìth taice do choimhearsnachdan a bhruidhnneas a' Ghàidhlig agus Albais.
Thuirt a' Chomataidh gun robh an aon dragh orrasan.
Tha taic a bharrachd a dhìth, thuirt iad, ma tha am Bile a' dol a choileanadh a chuid amasan.
Thuirt a' Chomataidh gu bheil a' Ghàidhlig gu sònraichte "ann an suidheachadh cunnartach".
"Tha dragh mòr oirnn mu na tha an dàn dhan Ghàidhlig," thuirt Neach-gairm na Comataidh, Sue Webber BPA.
"Na aonar, tha sinn den bheachd nach eil Bile nan Cànanan Albannach a' dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneimh na Gàidhlig, 's cha mhotha gu bheil e a' toirt na taice a tha a dhìth do gach cuid a' Ghàidhlig agus Albais.
"Fhad 's a tha a' Chomataidh againn air moladh gun toir a' Phàrlamaid taic do dh'amasan farsaing a' Bhile, feumaidh Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh mura h-eil am Bile gu bhith samhlachail a-mhàin.
"Tha dragh oirnn cuideachd mu dhìth soillearachd mu na tha na dleastanasan a tha an cois a' Bhile seo a' ciallachadh do dh'ùghdarrasan ionadail a thaobh na Gàidhlig agus Albais.
"Bhiomaid an dùil gun toireadh Riaghaltas na h-Alba soillearachadh seachad a thaobh seo, agus a thaobh nan draghan eile a tha san aithisg againn mar a leanas rannsachadh a' Bhile air adhart."
Thuirt an aithisg gun tuirt fianaisichean a thug beachdan don Chomataidh - an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, nam measg - gun robh taic a bharrachd air na tha an lùib a' Bhile fhèin a dhìth.
Sgìrean Sònraichte Cànain
Am measg nan draghan a tha a' Chomataidh a' togail, tha fear de phrìomh mholaidhean a' Bhile, a chruthaicheadh "sgìrean sònraichte cànain" far a bheil àireamhan mòra de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Dh'aontaich a' Chomataidh ri fianaisichean nach eil am Bile a' mìneachadh cò ris a bhiodh a leithid de sgìre coltach ann an sgìrean le àireamhan nas lugha de luchd-labhairt na Gàidhlig, no ciamar a dh'obraicheadh buidhnean poblach anns na sgìrean seo airson cothrom a thoirt seachad do luchd-labhairt na Gàidhlig.
Tha ceist orra cuideachd dè am maoineachadh a bhiodh ri fhaotainn do dh'ùghdarrasan ionadail airson leithid de sgìre a stèidheachadh agus a chumail.
Tha dùil gun tèid am Bile mu choinneimh na Pàrlamaid ann an deasbad Ìre 1 as t-Fhoghar.
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan: “Tha Riaghaltas na h-Alba air gealladh a’ Ghàidhlig a dhìon agus a neartachadh gus an soirbhich leis a’ chànan anns na bliadhnaichean ri thighinn.
"Tha ùidh mhòr aig a’ Phrìomh Mhinistear agus an Leas-Phrìomh Mhinistear sa Ghàidhlig gu pearsanta, agus chanainn gur e deagh cheum a bh’ ann dleastanas airson cànain na h-Alba a ghluasad bho Roinn an Fhoghlaim chun na cùram-roinne aig an Leas-Phrìomh Mhinistear o chionn beagan mhìosan.
“Tha Comataidh an Fhoghlaim air sgrùdadh fìor chudromach a dhèanamh air Bile nan Cànanan Albannach, agus feumar freagairtean a thoirt seachad do na ceistean agus draghan a thathar air fhoillseachadh an-diugh mun Bhile mar a tha e aig an ìre seo.
“Tha e riatanach gum bi Bile nan Cànanan Albannach a’ brosnachadh agus a’ neartachadh na Gàidhlig ann an dòigh susbainteach agus practaigeach.
"Feumaidh guthan coimhearnachd a bhith aig cridhe nam poileasaidhean seo, gu h-àraidh coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig fhathast ga cleachdadh gu làitheil.
"Bidh mi a’ coinneachadh ris an Leas-Phrìomh Mhinistear an ath-mhìos mun Bhile.
“’S e cothrom air leth a th’ againn leis a’ Bhile seo gus a’ Ghàidhlig a dhìon airson an àm ri teachd, agus nam bheachd-sa bidh a’ Bhile cuideachail do shlàinte na Gàidhlig san fharsaingeachd, cho fad ‘s a bhios na h-atharraichean ceart air an cur ris anns na mìosan ri thighinn gus am Bile a dhèanamh cho làidir agus cho mionaideach ‘s a ‘s urrainn dha a bhith.”
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba: "Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gus a' Ghàidhlig a dhìon san àm ri teachd tro ghnìomhan ann an craoladh, foghlam agus na h-ealain.
"Tro Bhile nan Cànanan Albannach thèid a' Ghàidhlig a chomharrachadh mar chànan oifigeil ann an Alba agus thèid inbhean a stèidheachadh airson a bhith a' teagasg na Gàidhlig sna sgoiltean - le taic de faisg air £30m de dh'ionmhas Riaghaltas na h-Alba thar na bliadhna ionmhais-sa.
"Tha an Riaghaltas a' toirt aire do mholadh na comataidh agus leanaidh sinn oirnn a' dèanamh adhartais leis an taic làidir a tha sinn a' toirt seachad dhan Ghàidhlig agus Albais.