Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich 2024: Meg Bateman

Meg BatemanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

‘S i Meg Bateman Bàrd ùr a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Chaidh an duais litreachais as cliùitiche a thèid seachad aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhuileachadh air Meg airson na tha i air a chur ri saoghal litreachail na Gàidhlig.

Rugadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann, agus thug i a-mach ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an dèidh dhi bliadhna a chur seachad ann an Uibhist a Deas ga bogadh fhèin sa Ghàidhlig, chrìochnaich i PhD ann am bàrdachadh chreidmheach na Gàidhlig.

Tha i air a bhith na h-oide ann an Colaiste Thelford, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig.

Dh’fhoillsich i ceithir cruinneachaidhean de a cuid bàrdachd fhèin, nam measg Aotromachd agus Dàin Eile, a fhuair duais bho Comhairle Ealain na h-Alba, agus a chaidh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Stakis airson Leabhar Albannach na Bliadhna.

Tha Meg air duaisean a bhuannachadh aig grunn fhèisean litreachais, agus tha na dàin aice a’ nochdadh anns na h-uimhir de cho-chruinneachaidhean bàrdachd.

Tha i air a bhith na cò-dheasaiche agus na h-eadar-theangaiche air còig co-chruinneachaidhean de bhàrdachd eachdraidheil na Gàidhlig, de bhàrdachd chreidmhich, agus bàrdachd bhana-bhàrd.

'S i an 60mh Bàrd a chaidh a chrùnadh, agus i a’ gabhail crùin a’ Bhàird bhon bhàrd eadar-theangaiche agus fear-naidheachd Niall O’Gallagher.

“’S e urram a th’ ann a bhith a’ dol nam bhàrd aig a’ Chomunn, gu h-àraidh seach gum b’ e ionnsachadh a rinn mi," thuirt Meg.

"Tha e a’ faireachdainn neònach ge-tà, gu bheil rudeigin a nì mi ann an uaigneas a’ dol na rud corporra!

"Tha mi an dòchas gun dèan mi feum sa bhliadhna a tha romhainn do bhàrdachd na Gàidhlig.

"Tha e mìorbhaileach gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast ann agus gum bi daoine – luchd-labhairt dùthchasach agus ùra – a’ lorg na fìrinn aca sa chànain.

"Cha leig mi leas innse gur e cànan bhrèagha shùbailte a th’ innte, làn ciùil is ìomhaighean talmhaidh.”