Ionnsaigh fheiseil air balach, 8, a bha a' campachadh le a theaghlach

Làrach Campachaidh Bhàgh Loch Nis Tùs an deilbh, BRIAN SMITH
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an ionnsaigh a thoirt aig an làraich champachaidh ann an Druim na Drochaid

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gum faca athair gille, 8, air an deach ionnsaigh fheiseil a thoirt aig làrach campachaidh an Druim na Drochaid, an duine a tha fo amharas a' coiseachd air falth bho theanta a mhic.

Thuirt na Poilis gun robh am pàiste a' cadal ann an teanta leis fhèin, aig làrach campachaidh Bhàgh Loch Nis sa bhaile nuair a thachair an ionnsaigh eadar 12:00m agus 01:00m oidhche Chiadain.

Chunnaic athair a' bhalaich, a bha ann an teanta faisg air làimh, an duine agus chuir e fios air na seirbheisean èiginn.

Thuirt na Poilis gu bheil an duine mu 5' 10" le sgall air 's gu bheil e deatamach gun lorgar e cho luath 's a ghabhas.

Thuirt na Poilis gun robh na thachair air "am balach agus a theaghlach fhàgail gu tur troimh chèile agus gu bheil e na adhbhar iomnaidh mòr don choimhearsnachd".

"Troimh-chèile agus na adhbhar iomnaidh"

Aig coinneamh-naidheachd ann an Inbhir Nis Dihaoine, dhearbh oifigearan gur ann às an Roinn Eòrpa a thàinig an teaghlach agus gun robh iad air saor-làithean sa sgìre.

Chan eil fhios an robh an neach a thug an ionnsaigh a' campachadh air an làraich ach dhearbh na Poilis gu bheil iad a' rannsachadh sin.

Thuirt iad gun do mhothaich aon de phàrantan a' bhalaich gun robh rudeigin a' dol agus gum faca iad an neach-ionnsaigh a' falbh.

Thuirt an Det Sup Mac a' Ghobhainn: "Aig an àm, chuala an athair rudeigin, thàinig e a-mach agus chunnaic e am fireannach a' coiseachd air falbh bhon teanta."

Thuirt an detective gun do fhreagair an duine a tha fo amharas athair a' bhalaich a bh' air faighneachd dha dè bha e ris, mus do choisich e air falbh.

Thuirt e: "Cha toir mi fiosrachadh mionaideach seachad mu na thachair ach 's e ionnsaigh fheiseil air pàiste ochd bliadhna de dh'aois a bh' ann, a dh'fhàg e fhèin agus a theaghlach troimh chèile agus a tha na adhbhar dragh don choimhearsnachd mar a bhiodh dùil.

"'S e cùis air leth neo-àbhaisteach a tha seo air a' Ghàidhealtachd."

Thuirt e gum bi àireamh mhòr de phoilis anns an sgìre fhad 's a tha an rannsachadh a' leantainn.

Bhana-phoilis aig Làrach Campachaidh Bhàgh Loch NisTùs an deilbh, BRIAN SMITH
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Poileas Alba gum bi tòrr oifigearan poilis rim faicinn aig an làraich

Bidh iad a' toirt sùil air na tha de dhealbhan CCTV san sgìre mar phàirt den sgrùdadh aca.

Tha na Poilis cuideachd ag iarraidh air duine sam bith a bha a' fuireach ann an sgìre Dhruim na Drochaid a thighinn air adhairt leis gum faodadh a h-uile criomag fiosrachaidh a bhith cudromach.

Ma tha fiosrachadh aig daoine bu chòir dhaibh fios a chur air Poileas Alba. , taobh a-muigh

Dh'innis an comhairliche ionadail, Daibhidh Friseal, do Naidheachdan a' BhBC gun robh na thachair uabhasach agus gun "tug e buaidh mhòr air a' choimhearsnachd air fad".

Thuirt e: "'S e coimhearsnachd bheag Ghàidhealach a th' ann an Druim na Drochaid air bruachan Loch Nis agus chan àbhaist rudan mar seo tachairt an seo.

"'S e coimhearsnachd bheag, dlùth a th' annainn a bhios a' cur fàilte air luchd-tadhail fad na h-ùine. Tha sinn gu tur air ar uabhasachadh gun do thachair an leithid sa bhaile againn.

"Chan eil faclan ann airson a chur an cèill a' bhuaidh a bhios aig an seo."