An Dòrnaidh: fear air laighe air muin a mhnà ga dìon bho fhear-ghunna

Taigh anns an Dòrnaidh
  • Air fhoillseachadh

Chualas anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann mar a chaidh losgadh air fireannach na dhruim 's e na laighe air muin na mnà aige 'son a dìon bho fhear-ghunna a bhris a-steach don taigh aca.

Chaidh aige an uair sin air èirigh 's grèim fhaighinn air a' ghunna, ga chumail fodha 's e na laighe gus an tàinig na poilis a-steach a losgadh air an fhear-ghunna le taser.

Bha John Don MacCoinnich, 65, às an Dòrnaidh, a' toirt seachad fianais air a' cheathramh là de chùis-lagha an aghaidh Fhionnlaigh Dhòmhnallaich a tha fo chasaid gun do rinn e oidhirp air Mgr MacCoinnich agus a' bhean aige Fay a mhurt.

Tha e cuideachd fo chasaid gun do dh'fheuch e ri a bhean fhèin, Rowena, a mhurt, 's gun do mhuirt e a bhràthair-cèile, John MacFhionghain air an 10mh là den Lùnastal 2022.

Chuala a' chùirt gun do chuir Mgr MacCoinnich ceithir seachdainnean seachad ann an dlùth-chùram san ospadal an dèidh na h-ionnsaigh, 's e air àirne a chall.

Tha Mgr Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir.