Dùil ri còrr air 1,200 luchd-ciùil aig fèis Celtic Connections 2026

Dick Gaughan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuirm mar urram don t-seinneadair Albannach Dick Gaughan am measg na tha gu bhith air prògram Celtic Connections san Fhaoilleach

  • Air fhoillseachadh

Tha cuirm mar urram don t-seinneadair chliùiteach Albannach Dick Gaughan agus dà chonsairt a' taisbeanadh òrain ùra Gàidhlig bho thoiseach an 21mh Linn am measg na th' air clàr-ama fèis Celtic Connections ann an Glaschu aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Tha dùil ri còrr air 1,200 luchd-ciùil bho air feadh an t-saoghail agus timcheall air 110,000 luchd-frithealaidh aig còrr air 25 diofar làraichean eadar an 15mh den Fhaoilleach agus 1mh den Ghearran.

Tha Celtic Connections air fàs gu mòr on thòisich e ann an 1994 agus tha e an-diugh air an fhèis-chiùil gheamhraidh as motha san Roinn Eòrpa le diofar stoidhlichean ciùil rin cluinntinn a bharrachd air ceòl ceilteach.

Bidh gu leòr de thàlant à Breatainn agus Èirinn - Skerrvore, Dàimh, Shooglenifty, The Chair, Fara, Gnoss agus RURA nam measg.

Am measg an luchd-ciùil eadar-nàiseanta a bhios ann bidh an seinneadair à Mali Rokia Koné, còmhlan am Buena Vista All Stars à Cuba, an orcastra Baobab à Senegal, Lucinda Williams às na Stàitean Aonaichte agus Le Vent du Nord agus Germaine à Québec.

The Ayoub SistersTùs an deilbh, SALLY ZARZOUR
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh The Ayoub Sisters am measg an luchd-ciùil aig Celtic Connections 2026

Cluinnear airson a' chiad uair an Arabic Symphony le The Ayoub Sisters – dithis às an Èipheit a thogadh ann an Glaschu - le taic Orcastra Albannach a' BhBC.

Agus, a' comharrachadh 50 bliadhna bho chruthaich e e, bidh consairt den Symphony of Sorrows leis a' cheòl-sgrìobhaiche Phòlannach, Henryk Górecki, pìos-ciùil nach cluinnear ach ainneamh air an àrd-ùrlar.

Thuirt Riochdaire Celtic Connections, Donnchadh Seathach: "Tha fadachd oirnn fàilte a chur air na tha seo de luchd-ciùil mhìorbhaileach.

"Tha Celtic Connections a' dearbhadh cho cumhachdach 's a tha ceòl airson daoine a thoirt ri chèile agus a bhrosnachadh; tha e a' dol seachad air crìochan agus 's e àrd-ùrlar far a bheil ceòl na h-Alba air a thaisbeanadh co-ionnan ris an tàlant eadar-nàiseanta."

Bidh ticeadan rim faotainn bho 10:00m Diardaoin agus gheibhear fiosrachadh mu chlàr-ama slàn na fèise an seo, taobh a-muigh.