'Gnìomh le cabhag' a dhìth air seirbheis puist thaobh siar Rois

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr BP Gàidhealach gun tèid rudeigin a dhèanamh le cabhag airson dèiligeadh ri mar a tha seirbheisean a' Phuist Rìoghail air taobh siar Rois "air tuiteam às a chèile".
Thuirt Aonghas Dòmhnallach, a tha a' riochdachadh Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Siorrachd Rois an Iar dha na Lib Deamaich, gu bheil muinntir Shìldeig, na Comraich, Thoirbheartain agus Loch Carrann air a bhith a' gearain air droch sheirbheis o chionn sheachdainnean.
Am measg nan gearainnean, tha gun deach litrichean on NHS a chall, nach deach cungaidhean-leigheis a lìbhrigeadh, agus gun tàinig maill air stuthan cudromach do ghnothachasan.
'S e an duilgheadas, a rèir Mhgr Dhòmhnallaich, nach eil post stèidhichte tuilleadh ann an Loch Carrann mar a bha, 's gu bheil an sgìre ga frithealadh bhon Chaol no bho Inbhir Pheofharain.
"Tha iad a' cur luchd-obrach a-steach dhan sgìre, ach tha post air càrnadh suas gu mòr an-dràsta," thuirt e.
"Thathar ag innse dhuinn nach till an suidheachadh dhan àbhaist ro mheadhan an Lùnastail.
"Ach cha deach am post ùr fhastadh. Chan eil ann an sin ach dòchas."
Coinneamhan Meadaigeach
Tha seo a' toirt droch bhuaidh gach cuid air muinntir an àite agus air seirbheisean meadaigeach, tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh.
"Tha dà bhuille aige - a' chiad rud 's e a' bhuaidh a tha e a' toirt air daoine a chailleas coinneamhan dotair - 's dòcha gu bheil iad air a bhith a' feitheamh grunn mhìosan airson a' choinneamh sin fhaighinn," thuirt e.
"An dàrna rud, chan eil e math dha leithid Ospadal an Ràthaig Mhòir, oir bidh tòrr dhaoine a' call choinneamhan."
Tha Mgr Dòmhnallach a' moladh gun tèid pàigheadh a bharrachd a thoirt do luchd-obrach a' phuist ann an sgìrean iomallach airson cuideachadh le bhith gan glèidheadh.
"Chan fhaic mi piseach a' tighinn," thuirt e.
"Saoilidh mi gum bu chòir an aon taic a bharrachd a bhith aig luchd-obrach a' phuist ann an sgìrean iomallach 's tha feadhainn a tha ag obair sna h-Eileanan a' faighinn mar thà.
"Saoilidh mi gum fàgadh sin nach èireadh an trioblaid a th' ann an Loch Carrann a-rithist.
"'S toil leis a h-uile duine postaidh ionadail, ach 's e seirbheis a th' ann a tha a' strì, agus 's ann oirnne a tha sin a' toirt buaidh."