Ath-sgrùdadh laghail air campas ùr Mhuile

Tobar Mhoire
  • Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh gun deach gabhail ri athchuing aig Cùirt an t-Seisein airson Ath-sgrùdadh Laghail air far an tèid Campas Sgoile Mhuile a shuidheachadh.

Chaidh an athchuig a chur air adhart grunn sheachdainnean air ais agus le mar a chaidh gabhail ris, tha sin a' ciallachadh gu bheil britheamh a' cumail a-mach gu bheil cùis ri fhreagairt.

Roghnaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nas tràithe am bliadhna an campas ùr sgoile, a chosgas £43m, a shuidheachadh faisg air an àrd-sgoil a th' ann an Tobar Mhoire an-dràsta.

Ach tha mòran phàrantan ag iarraidh gun tèid an sgoil ùr a thogail ann an àite nas goireasaiche don eilean air fad - nas fhaisge air meadhan Mhuile.

Bha seo gus nach biodh aig sgoilearan ann an ceann a deas an eilein ri bhith a' siubhal dhan Òban gach seachdain agus a bhith a' fuireach ann an ostail sgoile an sin.

Gluaisidh cùisean a-nise chun na h-ath ìre sa chùirt.

Thèid èisteachd cùirteach air adhart agus thathar a' sùileachadh gun tachair sin anns an Dàmhair.

Tha 14 là aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson freagairtean a thoirt don athchuing a bhios na adhbhar dìon dhaibh sa ghnothach.

Joe Reade

Tha Joe Reade na stiùiriche air Buidheann-Obrach Campas Mhuile.

Thuirt esan gu bheil britheamh air tighinn chun a' cho-dhùnaidh gu bheil adhbharan reusanta ann gun soirbhicheadh leotha sa chùis agus mar sin gun deach a chur air adhart chun na cùirteach.

Tha a' bhuidheann air beagan nas lugha na £80,000 a chruinneachadh airson na h-iomairt aca thuige seo.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach toireadh iad beachd sam bith seachad fhad 's a tha cùisean laghail beò.