Coinneamhan poblach mu aiseagan beaga Innse Gall

- Air fhoillseachadh
Tha CMAL a' cumail sreath de sheiseanan aghaidh ri aghaidh air feadh nan Eilean Siar airson beachdan dhaoine a thrusadh air aiseagan Chaolas Bharraigh is Chaolas na Hearadh.
Chaidh sreath de choinneamhan poblach a chumail ron seo anns an Fhaoilleach 2025.
Am measg na bhios air a' chlàr, bidh fiosrachadh mu dhealbhadh nan soithichean ùra a thuilleadh air deitichean agus fios air cuin a thathar a' sùileachadh a thèid iad ann an seirbheis.
Tha dùil ri riochdachadh o CMAL, Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Còmhdhail Alba aig na coinneamhan eadar Diluain 22mh is Diardaoin 25mh den t-Sultain.
Tha cothrom gu bhith aig duine sam bith a thèid thuca na beachdan aca a chur an cèill agus ceistean sam bith a th' aca fhaighneachd.
Bidh na seiseanan a' dol mar a leanas:
Diluain 22/09/25, Talla a' Bhàgh a Tuath, Barraigh, 18:30-20:30
Dimàirt 23/09/25, Talla Coimhearsnachd Èirisgeigh, 15:30-18:30
Diciadain 24/09/25, An Lanntair, Steòrnabhagh 13:00-14:00 (Do chompanaidhean bathair is luchd-gnothachais eile)
Dciadain 24/09/25, Talla Coimhearsnachd an Tairbeart, 16:00-19:00
Diardaoin 25/09/25, Talla Coimhearsnachd Loch na Madadh, 15:30-18:30
Mura h-urrainn do dhuine sam bith a bhith aig na seiseanan, faodar ceistean a chur air post-d gu: svrp@cmassets.co.uk
Tha tuilleadh fiosrachaidh an seo, taobh a-muigh mu na diofar ìrean den phròiseas airson nan soithichean ùra.