Maill air deuchainnean mara MV Glen Sannox

MV Glen Sannox
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun tòisich na deuchainnean às ùr Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Chaidh maill a chur air deuchainnean mara an MV Glen Sannox an dèidh thrioblaidean teicnigeach air bòrd.

Bha an soitheach, a chaidh a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh 's a tha ga dheasachadh mus tèid a toirt seachad do ChalMac, fo dheuchainnean far Eilein Arainn Diciadain nuair a dh'fhàilig siostam an dealain air bòrd.

A rèir fhiosrachaidh a chuir stiùiriche Fergusson Marine, John Petticrew, gu Fear-gairm Comataidh Net Zero, Cumhachd agus Còmhdhail aig Holyrood, Eideard Mountain, chaidh rabhadair teine air bòrd a chur gu dol le mearachd, agus thug sin air einnsean a' bhàta dùnadh sìos.

Bha am bàta a' ruith air ola gas mara aig an àm.

Chaidh bàtaichean-slaodaidh a ghairm, ach chaidh aig an t-soitheach air tilleadh gu cala fo a cumhachd fhèin.

Bha an Glen Sannox air an treas là de chòig a bha dùil a dhèanadh i de dheuchainnean mara.

Chaidh aice air laimrig Bhrodhaig ann an Arainn a chleachdadh gu soirbheachail Diluain.

Chaidh fuasgladh fhaighinn dhan trioblaid leis an t-siostam rabhaidh theintean, agus tha dùil gun tòisich na deuchainnean a-rithist Dihaoine.