"Piseach a dhìth air fastadh" aig Dachaigh-Cùraim an t-Òib

Dachaigh-Cùraim an t-ÒibTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim laigsean aig Dachaigh-Cùraim an t-Òib ann an ceann a deas na Hearadh an dèidh dhaibh tadhal orra gun rabhadh sa Ghearran.

'S iad duilgheadasan le luchd-obrach fhastadh as motha a tha a' toirt buaidh air an t-seirbheis a tha an dachaigh-cùraim a' toirt seachad do luchd-còmhnaidh, a rèir aithisg na buidhne.

Gabhaidh an dachaigh-cùraim, a th' air a ruith leis an Eaglais Shaoir Chlèirich, 17 duine, ach chan eil a' fuireach innte an-dràsta ach 15 ri linn gainnead luchd-obrach.

Fhuair an aithisg gu bheil manaidsear na dachaigh a' dèanamh cuid de shioftaichean an luchd-obrach, agus ri linn sin nach eil dreuchd a' mhanaidseir fhèin ga dhèanamh gu coileanta.

Tha an leas-mhanaidsear agus àrd-luchd-obrach eile cuideachd air a bhith a' dèanamh sioftaichean an luchd-obrach, a rèir na h-aithisg.

Thug an luchd-sgrùdaidh chun a' 5mh là den Chèitean dhan Eaglais Shaoir Chlèirich airson piseach a thoirt air cùisean.

Thog an aithisg aca gur e cho "dùthchail" 's a tha an t-Òb a tha ga fhàgail doirbh luchd-obrach fhastadh.

Cothroman Leasachaidh

Bha an t-seirbheis air a comharrachadh "lag" no "math gu leòr" ann an còig prìomh roinnean.

"Aig an àm a thadhail sinn cha d' fhuair sinn gu bheil daoine ann an cunnart no gu bheil cron ga dhèanamh orra, ach dh'aithnich sinn gum faodadh sin tachairt leis a' phiseach a tha a dhìth," thuirt an luchd-sgrùdaidh.

Fhuair an aithisg cuideachd gu bheil teaghlaichean an luchd-còmhnaidh agus an luchd-obrach den bheachd gu bheil am manaidsear "caoibhneil agus furasta bruidhinn riutha, 's gun èisteadh iad ri ceistean gu taiceil."

Tha dàimh-obrach "adhartach" aig a' mhanaidsear leis an luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus an luchd-obrach agus le luchd-proifeiseanta on taobh a-muigh.

Ach cho-dhùin an luchd-sgrùdaidh gu bheil ceannas na seirbheis "lag".

Ron 5mh là den Chèitean, feumaidh an Eaglais Shaor Chlèireach "dèanamh cinnteach gu bheil an cùram agus taic ceart ga thoirt do dhaoine, 's e air a stiùireadh 's a mhanaidsearachd gu math."

Feumaidh iad cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil "ìrean luchd-obrach sàbhailte agus iomchaidh" airson taic a thoirt do dhaoine, agus "trèanadh riatanach a thoirt do luchd-obrach, agus cothroman leasachaidh a leigeas leotha comas a shealltainn sna dreuchdan aca".

Chan eil an dachaigh-cùraim air càil a ràdh fhathast mun aithisg.